ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food and drink Biadh agus deoc

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Ceit Dè a’ bhracaist a bh’ agad fhèin ’s aig Eòghann an-diugh ma-thà?
Leann ’s uisge-beatha?
What breakfast did you and Ewan have today then?
Beer and whisky?
Murchadh A Cheit. Kate.
Ceit Ciamar a b’ urrainn dhut?
Bha mi fhìn ’s Iain cho ìseal.
Agus dè bha thusa a’ dèanamh?
Bha thu a’ falbh bho taigh-òsta gu taigh-òsta còmhla ri Eòghann.
How could you?
Myself and John were so low.
And what were you doing?
You were off from pub to pub with Ewan.
Murchadh Cha robh fios agam gun robh e a’ tighinn. I didn’t know that he was coming.
Ceit Chan eil fhios agam a bheil mi gad chreidsinn.
Tha cuimhne agam air dè thachair nuair a chaidh sinn dhachaigh còmhla riut gu Tiriodh.
I don’t know if I believe you.
I remember what happened when we went home with you to Tiree.
Murchadh Seo mo dhachaigh a-nis.
Far a bheil thusa.
This is my home now.
Where you are.
Ceit Tha sin glè mhath.
Carson nach do chuir thu air ais a Thiriodh e?
That’s very good.
Why don’t you send him back to Tiree?
Murchadh Ciamar a dhèanainn sin? How could I do that?
Ceit Carson a thàinig sibh dhan taigh agam an-raoir? Why did you come to my house last night?
Murchadh Bha mi airson a bhith cinnteach gun robh thu ceart gu leòr.
A Cheit, nuair a thàinig Eòghann a-steach air an doras a-raoir, cha robh fios agad dè chanadh tu, no dè dhèanadh tu.
Bha e cho èibhinn.
I wanted to be sure that you were alright.
Kate, when Ewan came in the door last night, you didn’t know what to say, or what to do.
It was so funny.
Ceit Chan eil mise a’ gàireachdainn, a Mhurchaidh. I’m not laughing, Murdo.
Bill Chan urrainn dhomh fuireach, a Sheonag.
Tha sinn trang anns a’ bhanca an-diugh.
I can’t stay, Joan.
We are busy in the bank today.
Seonag Tha thu trang a h-uile latha. You’re busy everyday.
Bill Nan toireadh tu a dhìnnear dhan fhear bheag, bhiodh sin sgoinneil. If you could give the wee boy his dinner, that would be great.
Seonag A bheil cuimhne agad air an rud a thuirt mi? Do you remember what I said?
Bill Dè an rud? What?
Seonag Tha thu a’ dèanamh cus.
Cha tèid agad air cumail ort mar seo.
Mura biodh tusa ann, bhiodh Coinneach leis fhèin.
Gun mhàthair agus gun athair.
Chan iarradh tu sin.
You are doing too much.
You won’t be able to carry on like this.
If you weren’t there, Kenneth would be alone.
Without a mother or a father.
You wouldn’t want that.
Murchadh Tha thu cho gruamach. You are so gloomy.
Ceit Bha mi aig tiodhlacadh Anna an-dè.
Nach fhaod mi a bhith gruamach?
I was at Anne’s funeral yesterday.
Aren’t I allowed to be gloomy?
Murchadh Faodaidh.
Bha mi a’ smaoineachadh gum faodamaid falbh airson latha no dhà.
Mi fhìn ’s tu fhèin.
You are.
I was thinking that we could go away for a day or two.
Me and you.
Ceit Cha b’ urrainn dhomh. I couldn’t.
Murchadh Carson? Why?
Ceit Feumaidh mi a bhith an seo airson Iain. I have to be here for John.
Murchadh Feumaidh tu coimhead às do dhèidh fhèin cuideachd, a Cheit. You need to look after yourself too, Kate.
Ceit Chanainn gum feumadh tu fhèin sin, a Mhurchaidh. I’d say that you need to as well, Murdo.
Bill Chan eil fhios agam cuin a bhios mi deiseil an seo.
Agus, tha mi ag obair aig Càirdeas cuideachd.
I don’t know when I will be finished here.
And, I’m working at Càirdeas too.
Seonag Tha sin ceart gu leòr, Bill.
Faodaidh Coinneach fuireach còmhla rinn a-nochd.
That’s alright, Bill.
Kenneth can stay with us tonight.
Bill Tapadh leat, a Sheonag.
Cha robh fhios agam dè a dhèanainn.
Thank you, Joan.
I didn’t know what I would do.
Seonag Tha thu a’ dèanamh cus.
Tha fios agad fhèin air an sin.
You are doing too much.
You know yourself that.
Bill Feumaidh mi falbh. I have to go.
Seonag Iain?
Tha mi duilich a bhith a’ fònadh mar seo.
’S mise Seonag, piuthar Bill.
Chan eil fios aige gu bheil mi a’ fònadh, ach...
John?
I’m sorry to be phoning you like this.
I’m Joan, Bill’s sister.
He doesn’t know that I’m phoning, but...
Ceit ’S dòcha gun robh mi car cruaidh ort. Maybe I was quite hard on you.
Murchadh Bha thu sin gun teagamh. You were without a doubt.
Ceit Ach cha toigh leam Eòghann ge-tà.
’S cha toigh leam e a bhith a’ fuireach còmhla riut.
But I don’t like Ewan though.
And I don’t like him staying with you.
Murchadh Cha toigh leams’ e a bhith a’ fuireach còmhla rium.
Ach, dè eile a dhèanainn?
Chan eil duine sam bith aige ann an Glaschu.
I don’t like him staying with me either.
But what else could I do?
He doesn’t have anyone in Glasgow.
Ceit Tha Tiristich gu leòr ann an Glaschu.
Carson nach biodh e còmhla riuthasan?
There are plenty people from Tiree in Glasgow.
Why wouldn’t he be with them?
Murchadh Cha b’ urrainn dhomh Eòghann a chur a-mach air an t-sràid. I couldn’t put Ewan out on the street.
Ceit Uill, ma thòisicheas tusa air òl anns an taighean-òsta còmhla ris, cuiridh mise a-mach e. Well, if you start drinking in the pubs with him, I’ll put him out.
Murchadh Tha sin nas fheàrr. That’s better.
Ceit Tha.
Uill, tha an t-acras ormsa a-nis.
Agus tha cafaidh mu choinneamh na pàirce.
An ith thu dad idir?
Dè?
Yes.
Well, I’m hungry now.
And there’s a café opposite the park.
Will you eat anything at all?
What?
Murchadh Thuirt mi ri Eòghann gun ruithinn e sìos am baile aig aon uair deug. I said to Ewan that I’d run him down the town at eleven o’ clock.
Ceit An tuirt?
Agus cò an taigh-òsta a bhios ann an-diugh, saoil?
Did you?
And which pub will it be today, I wonder?
Murchadh Tha sinn a’ coimhead airson flat dha. We are looking for a flat for him.