ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food and drink Biadh agus deoc

If the boss knew, I'd lose my jobNam biodh fios aig a' bhoss, chaillinn m' obair

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

barrachd - more

chaillinn – I would lose

chaillinn m’ obair – I would lose my job

càl-colaig - cauliflower

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man Saoil an cuireadh tu barrachd buntàta air an truinnsear agam, a ghràidh? I wonder if you would put more potatoes on my plate, dear?
Staff Chan fhaod mi.
Nam biodh fios aig a’ bhoss, chaillinn m’ obair.
I can’t.
If the boss knew, I’d lose my job.
Man Cha chailleadh. No you wouldn’t.
Staff Chailleadh. I would.
Man Cha bhiodh fios aig a’ bhoss ged a chuireadh tu dusan buntàta air an truinnsear agam. The boss wouldn’t know even if you put a dozen potatoes on my plate.
Staff Chan urrainn dhomh.
Seadh?
I can’t.
Yes?
Man 2 Saoil an toireadh tu dhomh iasg, buntàta agus càl-colaig? I wonder if you could give me fish, potatoes and cauliflower?
Staff Chan eil iasg ann. There isn’t any fish.
Man 2 Ò.
Bha mi an dòchas gum bitheadh.
Oh.
I hoped that there would be.
Staff Uill, chan eil. Well, there isn’t.
Man 2 Ò uill.
Nan toireadh tu dhomh lasagne ’s buntàta, bhiodh sin ceart gu leòr.
Oh well.
If you would give me lasagne and potato, that would be fine.
Staff Iasg agus chips a Mhaighstir MhicLeòid? Fish and chips, Mr MacLeod?
Maighstir MacLeòid Mas e do thoil e.
Tapadh leat.
Please.
Thank you.
Man 2 Mura h-eil mi ceàrr, fhuair esan iasg agus chips. If I’m not mistaken, he got fish and chips.
Staff Uill? Well?
Man 2 Thuirt thusa nach robh iasg ann. You said that there wasn’t any fish.
Staff Cha robh iasg ann – dhutsa. There wasn’t any fish – for you.
Man 2 Nam bithinn nam mhanaidsear, tha mi cinnteach gum biodh iasg ann dhomh. If I were a manager, I’m sure that there would be fish for me.
Staff Ach chan eil thu nad mhanaidsear, ge-tà. But you’re not a manager, though.
Man 2 Uill, nam bithinn nam mhanaidsear, chan ithinn-sa an seo ged a bhithinn a’ bàsachadh leis an acras. Well, if I were a manager, I wouldn’t eat in here even if I were dying with hunger.