ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food and drink Biadh agus deoc

If I had wanted a cup of tea, I wouldn't have said "a pot of tea"Nam bithinn ag iarraidh cupa tì, cha bhithinn air "poit tì" a ràdh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

To say that something ‘might …’, you use ged a … followed by the conditional form of the verb.

ged a bhithinn tinn - even although I would be ill

ged a dh’ithinn e - even though I would eat it

nan sgrìobhadh sibh – if you would write (plural/polite)

To ask if someone ‘would tell you’ something, you use an innseadh … dhomh?

an innseadh tu dhomh an seòrsa feòla a b’ fheàrr leat? – would you tell me what meat you would prefer?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Mairead Cha toigh leam an cafaidh seo idir, agus tha fhios agad air an sin. I don’t like this café at all, and you know that.
Coinneach Cha robh cuimhne agam.
Tha mi duilich.
I forgot.
I’m sorry.
Waitress Haidh.
Dè bu toigh leibh?
Hi.
What would you like?
Mairead Bu toigh leam menu a b’ urrainn dhomh a thuigsinn.
An innseadh tu dhomh dè th’ ann am “Pain au chocolat”?
I’d like a menu I could understand.
Would you tell me what is “Pain au chocolat”?
Waitress Rolla le teòclaid. A roll with chocolate.
Mairead Bhiodh e na b’ fheàrr nan sgrìobhadh iad sin air a’ mhenu, ma-thà. It would be better if they wrote that on the menu, then.
Coinneach Cha dèan iad sin, a Mhairead.
’S e taigh-bìdh Fraingeach a tha seo.
They won’t do that, Margaret.
This is a French restaurant.
Waitress Dè bu toigh leat ma-thà? What would you like then?
Coinneach Siuthad, Mairead. Go on, Margaret.
Mairead Och, rolla le ìm.
Agus poit tì, mura h-eil dad eile aca a dh’ithinn.
Och, a roll with butter.
And a pot of tea, if they don’t have anything else I would eat.
Coinneach An aon rud dhomhsa, tapadh leat. The same for me, thank you.
Mairead Nan robh sinn air a dhol gu cafaidh ceart, bhiodh rudeigin ann a chòrdadh rium.
Dè tha seo?
If we had gone to a proper café, there would be something I liked.
What’s this?
Waitress Dà rolla le ìm.
Agus dà chupa tì.
Two rolls with butter.
And two cups of tea.
Mairead Nam bithinn ag iarraidh cupa tì, cha bhithinn air “poit tì” a ràdh. If I wanted a cup of tea, I wouldn’t have said “a pot of tea”
Coinneach Chòrdadh cupa tì riumsa glan.
Tapadh leat.
A cup of tea would suit me just fine.
Thank you.
Mairead Ged a bhithinn tinn leis an acras, chan ithinn an rud seo. Even if I were ill with hunger, I wouldn’t eat this thing.
Waitress Nam biodh sibh tinn leis an acras, bhithinn a’ seinn ’s a’ dannsa. If you were ill with hunger, I’d be singing and dancing.
Mairead Dè tha thu a’ dèanamh? What are you doing?
Waitress Bha mi a’ smaoineachadh nach robh sibh ga iarraidh. I thought you didn’t want it.
Mairead Feumaidh mi ithe.
Dè eile a th’ ann a dh’ ithinn?
I need to eat.
What else is there I could eat?
Coinneach Cha bu chòir dhut a bhith cho gearaineach, a Mhairead.
Chan eil e math dhut.
You shouldn’t be such a complainer, Margaret.
It isn’t good for you.
Mairead Gearaineach, mise?
Chan eil thusa glic, a Choinnich.
A complainer, me?
You’re not wise, Kenneth. (You don’t know what you’re talking about.)