ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food and drink Biadh agus deoc

What if I make salmon for you tonight?Dè nan dèanainn bradan dhut a-nochd?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

To ask someone ‘what they would eat’ you use dè dh’itheadh …?

dè dh’itheadh tusa? - what would you eat?

dh’ithinn … - I would eat …

dh’ithinn bradan – I would eat salmon

To ask someone ‘if they would eat’ you use an itheadh …?

an itheadh tu …? - would you eat …?

To suggest that someone might give something, you use nan toireadh.

nan toireadh duine dhomh - if anyone gave me

bradan – salmon

breac – trout

To ask someone ‘if they would enjoy something’ you use an còrdadh …?

an còrdadh sin riut? – would you enjoy that?

You could answer:

chòrdadh – yes (to an còrdadh …?)

cha chòrdadh – no (to an còrdadh …?)

chòrdadh sin rium – I would enjoy that

dh’ithinn bradan – I would eat salmon

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Seonag Saoil an innseadh tu dhomh, Iain?
Dè dh’itheadh tusa còmhla ris an deoch orains agad?
I wonder if you Would tell me, John?
What would you eat with your orange juice?
Iain Uill, a Sheonag.
Dh’ithinn-sa bradan, no breac, no ’s dòcha fish supper.
Well, Joan.
I would eat salmon, or trout, or maybe a fish supper.
Seonag Agus, an itheadh tu fish supper sam bith còmhla ris an deoch orains agad? And, would you eat any fish supper with your orange juice?
Iain Ò, chan itheadh, chan itheadh.
Nan toireadh duine dhomh fish supper à bùth Luigi, ruithinn air falbh.
Fish supper à bùth Giuseppe, sin am fear a dh’ithinn-sa.
Oh no, I wouldn’t.
If anyone gave me a fish supper from Luigi’s shop, I’d run away.
A fish supper from Giuseppe’s shop, that’s the one I’d eat.
Seonag Nach iad na h-amadain! Aren’t they fools!
Iain Abair thusa, a ghràidh! Tell me about it, dear!
Seonag Cò dh’itheadh iasg agus sùbh-làir còmhla? Who would eat fish and strawberry together?
Iain Dh’itheadh amadan, dearg amadan! A fool would, a right fool!
Seonag Seall seo.
Dè nan dèanainn bradan dhut a-nochd?
Look at this.
What if I made salmon for you tonight?
Iain Cha dèanadh tu breac, an dèanadh? You wouldn’t do trout, would you?
Seonag Breac?
Dhèanainn, nan còrdadh sin riut.
Trout?
I would, if you’d enjoy that.
Iain Chòrdadh sin rium glan.
Tha mi sgìth de bhradan.
I’d enjoy that a lot.
I’m tired of salmon.
Seonag Innis dhomh, Iain, dè dh’òladh tu leis a’ bhreac? Tell me, John, what would you drink with the trout?