ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Outdoor activities Cur-seachadan a-muigh

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Anna Bha thu cho fiadhaich, a Cheit.
Bha an t-eagal orm fhèin.
You were so angry, Kate.
I was frightened myself.
Ceit Tha fhios agam.
Murchadh bochd.
I know.
Poor Murdo.
Anna Chòrd Tiriodh rium ge-tà. I enjoyed Tiree though.
Ceit Cha robh e dona. It wasn’t bad.
Anna Tha Iain airson fuireach ann an àite mar seo.
Agus, uill, cùm seo agad fhèin an-dràsta, a Cheit.
Iain wants to stay in a place like this.
And, well, keep this to yourself for now, Kate.
Ceit Dè? What?
Anna Bha e a’ bruidhinn air obair eile cuideachd. He was speaking about another job too.
Ceit An robh? Was he?
Anna Bha.
Tha Càirdeas a’ còrdadh ris gu mòr.
’S toigh leis a bhith ag obair còmhla ri daoine.
Bu toigh leis a bhith a’ nursadh.
Yes.
He enjoys Càirdeas very much.
He likes working with people.
He would like to do nursing.
Ceit Bhiodh e uabhasach math air. He’d be very good at it.
Anna Tha mi fhìn a’ smaoineachadh air nursadh cuideachd. I’m thinking of nursing too.
Ceit Thusa? You?
Anna Dè tha ceàrr air sin? What’s wrong with that?
Ceit Anna, thusa ann an ospadal? Anna, you in a hospital?
Anna Tha thu ceart.
Mise ann an ospadal.
Smaoinich!
You’re right.
Me in a hospital.
Imagine!
Iain Tha beagan airgid agamsa anns a’ bhanca o nuair a bha mi nam bhalach.
Na can dad ri Ceit.
Chan eil mi airson a’ bhean agam a bhith a’ falbh an siud ’s an seo air baidhsagal, nuair a dh’fhaodadh i a bhith a’ dràibheadh.
I have a little money in the bank from when I was a boy.
Don’t say anything to Kate.
I don’t want my wife to be going here and there on a bicycle, when she could be driving.
Murchadh Chan innis mi càil do Cheit.
Ach ’s toigh le Anna am baidhsagal aice.
I won’t tell Kate anything.
But Anne likes her bicycle.
Iain Cha toil, a Mhurchaidh.
Chan eil airgead aice airson càr.
Ma cheannaicheas mise e, bidh e aice.
Agus chan fhaod i dad a ràdh mu dheidhinn.
Faodaidh i am baidhsagal a reic.
No, she doesn’t, Murdo.
She doesn’t have money for a car.
If I buy it, it will be hers.
And she can’t say anything about it.
She may sell her bicycle.
Anna Na can dad ri Iain, ma-thà. Don’t say anything to John, then.
Ceit Cha chan. No.
Anna Thèid mi do cholaiste an ospadail, feuch am faigh mi fiosrachadh mu na cùrsaichean aca. I’ll go to the hospital college to see if I can get information about their courses.
Ceit Dh’fhaodamaid a dhol ann còmhla. We could go together.
Anna Dh’fhaodadh, a Cheit, ach tha am baidhsagal nas luaithe. We could, Kate, but the bicycle is faster.
Ceit Ceart gu leòr.
B’ fhiach a dhol do Cholaiste Taobh na h-Aibhne cuideachd.
Alright.
It’d be worth going to the Riverside College too.
Anna B’ fhiach.
Chì mi a-màireach thu.
Yes.
I will see you tomorrow.
Ceit Anna!
A-nochd!
Tha thu fhèin ’s Iain a’ tighinn gu biadh aig seachd uairean.
Anna!
Tonight!
Yourself and John are coming for a meal at seven o’ clock.
Anna Obh, obh.
Mo cheann.
Oh dear.
My head!
Iain Aig seachd uairean.
Bidh sin math.
At seven o’ clock.
That will be good.
Anna Feuch gum bi thu ann tràth.
Tha rudeigin agam dhut.
Make sure you are early.
I have something for you.
Iain Dè th’ ann? What is it?
Anna Chan fhaod mi innse dhut. I can’t tell you.
Iain Uill, bidh rudeigin agam dhutsa.
Agus chan fhaod mi innse dhut dè th’ ann.
Well, I will have something for you.
And I can’t tell you what it is.
Anna Ò uill.
Tha sin ceart gu leòr ma-thà.
Chì mi dè th’ ann aig seachd uairean.
Oh well.
That’s alright then.
I will see what it is at seven o’ clock.
Iain Chì. Ok.
Anna Cheerio. Cheerio.
Iain Tìoraidh, a ghràidh. Cheerio, dear.
Murchadh Halò Iain. Hello John.
Iain Halò, a Mhurchaidh. Hello, Murdo.
Murchadh Tha rudeigin agam dhut. I have something for you.
Iain Iuchraichean a’ chàir! The car keys!
Murchadh Ceart. Right.
Ceit Feasgar math, Iain.
Dè tha seo?
Good evening, John.
What’s this?
Iain Chan urrainn dhomh innse dhut. I can’t tell you.
Ceit Dè? What?
Iain Tha mi duilich.
Chì thu nuair a thig Anna.
I’m sorry.
You’ll see when Anne comes.
Ceit A Mhurchaidh! Murdo!