FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Outdoor activities Cur-seachadan a-muigh

I'd ask for a larger boat to be safeDh'iarrainn bàta nas motha airson a bhith sàbhailte

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dh’iarrainn I would want

chan iarrainn I would not want

sàbhailte safe

dh’fhaodamaid snàmh anns a’ mhuir we could swim in the sea

chan iarrainn a bhith fliuch I wouldn’t want to be wet

dh’iarrainn bàta nas motha I would want a bigger boat

aodach-snàimh swimming costume

sreap anns na beanntan climbing in the mountains

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Niall Snàmh, bhiodh sin math.
Chòrd a' mhuir riutsa, a-raoir, a Dhoileag, nach do chòrd?
Dh’fhaodamaid snàmh anns a’ mhuir.
A bheil aodach-snàimh agad, a Fhlòraidh?
Swimming, that would be good.
You enjoyed the sea last night, Dolly, didn’t you?
We could swim in the sea.
Do you have a swimming costume, Flora?
Flòraidh Chan eil mise airson snàmh an-diugh, a Nèill.
Tha i fuar.
Chan iarrainn a bhith fliuch cuideachd.
I don’t want to swim today, Neil.
It’s cold.
I wouldn’t want to be wet as well.
Murchadh Seall.
Dh’fhaodamaid seòladh a-mach dhan eilean bheag seo anns a’ bhàta.
Look.
We could sail out to this small island in the boat.
Niall B’ fhiach feuchainn co-dhiù. It’s worth a try anyway.
Doileag Nach eil am bàta car beag?
Chan fhaod ceathrar againn a dhol innte.
Dh’iarrainn bàta nas motha airson a bhith sàbhailte.
Isn’t the boat a little small?
Four of us cant go in it.
I’d want a larger boat to be safe.
Murchadh Ceart ma-thà.
Seall seo.
Tha beanntan mòra ann.
Dh’fhaodamaid sreap no coiseachd anns na beanntan.
Cha bhiodh tusa fliuch idir, a Fhlòraidh agus bhiodh tusa sàbhailte gu leòr, a Dhoileag.
Dè ur beachd?
Right then.
Look at this.
There are large mountains.
We could climb or walk in the mountains.
You wouldn’t be wet at all, Flora and you would be safe enough,
Dolly.
What do you think?
Flòraidh Glè mhath, ach ma dh’fhàsas mise fliuch... Very good, but if I get wet...