ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Outdoor activities Cur-seachadan a-muigh

It'd be worth trying it anywayB' fhiach fheuchainn co-dhiù

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

sgian - a knife

forca - a fork

spàin – a spoon

milis – sweet (adjective)

an toir thu dhomh forca? – will you give me a fork?

cia mheud spàin siùcair a tha thusa a’ gabhail? – how many spoons of sugar do you take?

’s e muga mòr a th’ ann – it’s a big mug

tha mi milis gu leòr – I’m sweet enough

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Murchadh A Nèill, an gabh thu isbean eile? Neil, will you have another sausage?
Niall Gabhaidh. Yes.
Murchadh Tha e teth.
A Dhoileag, an toir thu dhomh am forca?
It’s hot.
Dolly, can you give me the fork?
Niall Siud an t-isbean mu dheireadh.
An cuir mi tuilleadh air?
That’s the last sausage.
Will I put more on?
Woman Cha b’ fhiach bodraigeadh, a Mhurchaidh.
Tha gu leòr agam.
It’s not worth bothering, Murdo.
I have plenty.
Doileag Agus agamsa. Me too.
Murchadh B’ fhiach ge-tà.
Cha d’ fhuair mi fhìn gin fhathast.
Smaoinichibh, an t-acras air a’ chòcaire.
Yes, though.
I didn’t get any myself yet.
Think, the cook’s hungry.
Niall Seo sgian, a Mhurchaidh.
Fosgail a’ phacaid agus gabh gu leòr.
Here’s a knife, Murdo.
Open a packet and take plenty. (i.e help yourself)
Doileag B’ fhiach gu leòr ithe, a Mhurchaidh.
’S dòcha nach fhaigh thu càil a-màireach – bidh Niall a’ còcaireachd.
It’s worth eating plenty, Murdo.
You may not get anything tomorrow – Neil will be cooking.
Woman Teatha no cofaidh, a Nèill? Tea or coffee, Neil?
Niall Teatha, le bainne agus dà spàinn siùcair. Tea, with milk and two spoons of sugar.
Doileag Bu chòir nas lugha a ghabhail.
Chan eil dà spàinn siùcar math dhut.
You should have less.
Two spoons of sugar isn’t good for you.
Niall ’S e muga mòr a th’ ann ge-tà. It’s a big mug though.
Woman Cia mheud spàinn siùcair a tha thusa a’ gabhail, a Mhurchaidh? How many spoons of sugar do you take, Murdo?
Murchadh Chan eil gin, a Fhlòraidh.
Tha mi milis gu leòr.
None, Flora.
I’m sweet enough.
Niall Nach fhaod sinn smaoineachadh air dè nì sinn a-màireach ma-tà? Shouldn’t we think about what we’ll do tomorrow then?
Murchadh Uill, thèid againn air snàmh co-dhiù.
Chan eil a’ mhuir ach ceud slat bhuainn.
Well, we can swim anyway.
The sea is only a hundred yards from us.
Doileag Na bithibh a’ smaoineachadh air. Don’t think of it.
Flòraidh Carson? Why?
Doileag A chionn ’s gum bi i ro fhuar. Because it will be too cold.
Niall Ach b’ fhiach fheuchainn co-dhiù, a Dhoileag. But it would be worth trying anyway, Dolly.