FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Painting and papering A’ peantadh agus a’ pàipearachadh

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

a chionn ’s gu bheil e grànda because it is ugly

dh’fhaodainn peantadh I could paint

cha tèid aig Alasdair air pàipearachadh Alasdair will not manage to do the papering

deich troighean a dh’àirde ten feet high

ceithir no còig a dh’òirlich a dh’àirde four or five inches high

an tèid agad air am balla a thomhas? will you manage to measure the wall?

dusan troigh a dh’àirde twelve feet high

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Ceit Cha toigh leam an t-àite seo.
Tha mi cho toilichte nach eil mi ag obair an seo.
I don’t like this place.
I’m so happy that I’m not working here.
Murchadh A bheil thu toilichte gu bheil thu a’ fuireach faisg ormsa ma-thà? Are you happy that you stay near me then?
Ceit Chan eil fhios agam idir.
Chan eil mi gad thuigsinn, a Mhurchaidh.
Seo a’ chiad turas a thachair mi ri do mhàthair, agus dh’fhàg thu mi còmhla rithe.
Dh’fhàg thu an triùir againn còmhla rithe.
Cha robh fhios againn dè bha a' tachairt.
Agus dh’fhalbh thusa a ghabhail deoch.
I don’t know at all.
I don’t understand you, Murdo.
This is the first time that I’ve met your mother, and you left me with her.
You left the three of us with her.
We didn’t know what was going on.
And you left to have a drink.
Murchadh Cha robh rùm anns a’ chàr. There wasn’t any room in the car.
Ceit Thalla! Away!
Murchadh Cha robh mise ag iarraidh a dhol dhan taigh-òsta. I didn’t want to go to the hotel.
Ceit Ò, chaidh thu ann! Oh, but you went!
Murchadh Cha tèid aig Eòghann air a dhol seachad air an taigh-òsta. Ewan isn’t able to go past a hotel.
Ceit Chan eil thusa a’ tuigsinn dè rinn thu, a bheil? You don’t understand what you did, do you?
Iain Murchadh bochd.
Bidh Ceit ga ithe an-dràsta.
Poor Murdo.
Kate will be nagging him just now.
Anna Tha i glè cheart.
Dh’fhaodainn a mharbhadh.
Tha mi cinnteach gun do dh’òl mi còig cupannan tì.
Ach ’s e cofaidh as fheàrr leam.
She’s very right.
I could kill him.
I’m sure that I drank five cups of tea.
But I prefer coffee.
Iain Bha Ceit fiadhaich, nach robh? Kate was angry, wasn’t she?
Anna Bha.
Bhiodh tusa a' fuireach còmhla rinn ge-tà, Iain.
Yes.
You would have stayed with us though, Iain.
Iain Chan eil fhios agam.
Tha taigh-òsta gu math faisg air taigh mo mhàthar-sa cuideachd.
I don’t know.
There’s a pub that’s fairly close to my mother’s house too.
Anna Dè thuirt thu?
Bhiodh tu a’ dol dhan taigh-òsta, gu dearbh?
What did you say?
You’d have gone to the pub, indeed?
Murchadh Dh’fhaodadh tu èisteachd rium. You could listen to me.
Ceit Tha mi ag èisteachd, ach chan eil mi a’ cluinntinn càil. I am listening, but I am not hearing anything.
Murchadh Uill, cluinn seo.
Bha mi fhìn agus Eòghann san sgoil còmhla o bha sinn còig bliadhna a dh’aois.
Well, listen to this.
Ewan and I were at school together since we were five years old.
Ceit Chuala mi sin aig do mhàthair. I heard that from your mother.
Murchadh Dè bha mi a' dol a dhèanamh?
Dràibheadh air falbh còmhla ribhse agus Eòghann fhàgail an-siud?
Chan e Glaschu a tha seo.
Seo an dachaigh agam.
Tha daoine modhail an seo.
What was I going to do?
Drive away with you all and leave Ewan there?
This isn’t Glasgow.
This is my home.
People are polite here.
Ceit Modhail?
Ag òl uisge-beatha aig meadhan-latha?
Polite?
Drinking whisky at midday?
Murchadh Dh’òl mise rud beag uisge-beatha a chionn ’s gu bheil greis o chunnaic mi Eòghann.
Chan fhaca mi e o dh’fhalbh mi a Ghlaschu.
Ò, mo chreach!
Seall seo!
Seall mo bhrògan!
I drank a little whisky because it’s been a while since I’ve seen Ewan.
I haven’t seen him since I went to Glasgow.
Oh no!
Look here!
Look at my shoes!
Ceit Ò, a Mhurchaidh! Oh, Murdo!
Murchadh Uill, a bheil thu fhathast fiadhaich? Well, are you still angry?
Ceit Chan eil.
Cha tèid agam air a bhith fiadhaich.
Cha robh mi uabhasach fiadhaich co-dhiù.
Ach bha thusa a’ smaoineachadh gun robh, nach robh?
No.
I can’t be angry.
I wasn’t very angry anyway.
But you thought I was, didn’t you?
Iain ’S toigh leam an t-àite seo. I like this place.
Anna Tha e brèagha agus snog, agus glan. It’s beautiful and pretty and clean.
Iain Tha e nas fheàrr na am baile mòr co-dhiù.
Nuair a phòsas sinn, bu toigh leam Glaschu fhàgail.
It’s better than the city anyway.
When we marry, I’d like to leave Glasgow.
Anna Am bu toil? Would you?
Iain Bha mi a’ smaoineachadh, tha Càirdeas a’ còrdadh rium uabhasach math.
Bu toigh leam a bhith ag obair còmhla ri daoine, gan cuideachadh.
I was thinking, I’m enjoying Càirdeas very much.
I’d like to work with people, helping them.
Anna Ach dè seòrsa rud a tha thu a’ ciallachadh? But what sort of thing do you mean?
Iain Chan eil fhios agam.
’S dòcha nursadh.
I don’t know.
Maybe nursing.
Anna Dè?
Thusa na do nurs?
What?
You, as a nurse?
Iain Chan eil dad ceàrr air. There’s nothing wrong with it.
Anna Chan eil, chan eil.
Agus bhiodh tu math air.
Tha thu gasta le daoine.
No, no.
And you’d be good at it.
You’re great with people.
Iain A bheil fhios agad dè bu toigh leam a dhèanamh? Do you know what I’d like to do?
Anna Chan eil. No.
Iain Bu toigh leam airgead fhaighinn on bhanca.
Dh’fhaodainn taigh mòr a cheannach agus coimhead an dèidh seann daoine.
Dh’fhaodadh tusa a bhith ag obair ann cuideachd.
Dh’fhaodainn a bhith a’ fuireach còmhla riut ’s ag obair còmhla riut.
Dè do bheachd?
I’d like to get money from the bank.
I could buy a large house and look after old people.
You could work there too.
I could stay with you and work with you.
What do you think?
Anna Bhiodh sin sgoinneil. That would be great.
Ceit A Mhurchaidh, innis dhomh a-rithist. Cò am boss? Murdo, tell me again. Who’s the boss?
Murchadh Thusa – an-dràsta! You – just now!