ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Painting and papering A’ peantadh agus a’ pàipearachadh

I'm five feet and four inches tallTha mi còig troighean agus ceithir òirlich a dh'àirde

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

meudachd - size

òirleach – an inch

ceithir no còig a dh’òirlich a dh’àirde - four or five inches high

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Seonag Uill, Iain.
Ma tha sinn a' dol a phòsadh, feumaidh mise aodach ùr fhaighinn.
Dh’fhaodainn an dreasa seo fheuchainn orm.
Chan eil i dona.
Well, John.
If we are going to marry, I need to get new clothes.
I could try this dress on me.
It isn’t bad.
Iain Chan eil.
Tiugainn ma-thà.
No.
Come on then.
Staff Seadh? Yes?
Seonag An tèid agaibh air an dreasa bhrèagha gheal a shealltainn dhomh?
Tha i anns an uinneig ri taobh an dorais.
Will you be able to show me that the beautiful white dress?
It’s in the window beside the door.
Staff Uill, dh’fhaodainn ach chan eil a’ bhùth seo saor. Well, I could but this shop isn’t cheap.
Iain Och, a ghràidh.
Chan eil rud sam bith saor a-nis.
An tèid agad air an dreasa fhaighinn dhuinn ma-thà?
Siuthad.
Och, dear.
Nothing is cheap now.
Will you be able to get the dress for us then?
On you go.
Staff An e seo an dreasa? Is this the dress?
Seonag ’S e.
Tha i nas motha na bha mi a’ smaoineachadh.
Tha mise còig troighean agus ceithir òirlich a dh’àirde.
Tha seo ro fhada dhomhsa.
Yes.
It’s bigger than I thought.
I’m five feet and four inches tall.
This is too long for me.
Iain Fuirich thusa dà dhiog, a ghràidh. You wait two seconds, dear.
Seonag Ach Iain. But John.
Iain Fuirich.
Ma chuireas tu brògan àrda ort, cha bhi an dreasa ro fhada dhut idir.
A bheil brògan brèagha geala agad?
Meudachd a ceithir?
Agus ceithir no còig a dh’òirlich a dh’àirde?
Wait.
If you put high heeled shoes on, the dress won’t be too long for you at all.
Do you have beautiful white shoes?
Size four?
And four or five inches high?
Staff Chì mi. I’ll see.
Iain Dè tha ceàrr ort? What’s wrong with you?
Seonag Cha toigh leam an dreasa idir. I don’t like the dress at all.
Staff Dè? What?
Seonag Brògan geala? White shoes?
Iain Cha toigh leam na brògan sin idir.
Chan eil iad àrd gu leòr dhomhsa.
I don’t like those shoes at all.
They aren’t high enough for me.
Iain A bheil brògan nas àirde na sin agaibh idir? Do you have higher shoes than those at all?
Staff Seo na brògan as fheàrr a th’ againn. These are the best shoes we have.
Iain Uill, thèid sinn a bhùth eile ma-thà.
Thugainn.
Thèid sinn sìos gu Harrods.
Bidh brògan àrda acasan.
Well, we’ll go to another shop then.
Come on.
We’ll go down to Harrods.
They’ll have high-heeled shoes.