ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about abilities and permission A’ bruidhinn mu chomasan agus cead

At homeAig an taigh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

’s urrainn dhomh ... - I can …

… math air … - … good at …

tha thusa math air còcaireachd – you are good at cooking

rudan mar seo – things like this

cha toigh leam … – I dislike …

is beag orm ... – I hate …

is beag orm a bhith aig an taigh – I hate being at home

fada ro òg – far too young

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Carol Haidh, Iain.
Seall.
Chan urrainn dhomh seo obrachadh idir.
Càit a bheil e a’ dol?
Hi, John.
Look.
I can’t work this at all.
Where does it go?
Iain Carol bhochd! Poor Carol!
Carol Uill, chan eil mi math air rudan mar seo. Well, I’m not good at things like this.
Iain Nach bi Bill a’ cuideachadh leis a’ chàr? Doesn’t Bill help with the car?
Carol Ò, bithidh ach tha e air falbh an-dràst’. Oh, yes but he is away just now.
Iain A bheil?
Tha Màiri-Anna air falbh an-dràsta cuideachd.
Nise, seall.
Is he?
Mary-Anne is away just now too.
Now, look.
Carol Feumaidh mi ionnsachadh ciamar a tha an càr ag obrachadh.
’S urrainn dhomh càr a dhràibheadh ach chan urrainn dhomh càil eil’ a dhèanamh.
I need to learn how the car works.
I can drive a car but I can’t do anything else.
Iain Och, ist, a Charol.
Tha mise math air càr.
Tha thusa math air còcaireachd.
Och, wheesht, Carol.
I’m good at cars.
You are good at cooking.
Carol Tapadh leat, Iain.
An urrainn dhomh càil fhaighinn dhut ann an Safeway?
A bheil sibh ag iarraidh càil an-dràsta?
Thank you, John.
Can I get anything for you in Safeway?
Do you want anything just now?
Iain Chan eil, tapadh leat.
Ach, a Charol, a bheil thu ag iarraidh tighinn a-null airson do dhìnnear?
No, thank you.
But, Carol, do you want to come over for your dinner?
Carol Iain, a bheil thu math air còcaireachd cuideachd? John, are you good at cooking too?
Iain Chan eil, ach ’s urrainn dhomh spaghetti a dhèanamh. No, but I can make spaghetti.
Carol An urrainn gu dearbh!
Tapadh leat, ma-thà, Iain.
An urrainn dhomh botal fìon fhaighinn?
Can you indeed!
Thank you, then, John.
Can I get a bottle of wine?
Iain ’S urrainn gu dearbh.
Fìon dearg, mas e do thoil e.
Chì mi aig ochd uairean thu.
Tìoraidh.
Yes, you can indeed.
Red wine, please.
I’ll see you at eight o’ clock.
Cheerio.
Carol Uill, bha sin math, Iain.
Tha thu math air còcaireachd, ceart gu leòr.
’S beag orm fhìn còcaireachd.
’S beag orm a bhith aig an taigh fad an latha.
Tha mi airson a dhol air ais a dh’ obair ach tha Bill ag ràdh gu bheil Lewis ro òg fhathast.
Well, that was good, John.
You are good at cooking right enough.
I hate cooking.
I hate being at home all day.
I want to go back to work but Bill says that Lewis is still too young.
Iain Tha Bill ceart.
Tha Lewis fada ro òg, fada ro òg.
Tha tìde gu leòr ann fhathast.
Bill is right.
Lewis is far too young, far too young.
There’s enough time yet.
Carol Iain!
Bidh thusa a’ dol a dh’ obair a h-uile madainn.
Tha mise aig an taigh fad an latha.
John!
You go to work every morning.
I’m at home all day.
Iain A Charol!
Chan eil e cho furasta.
Tha obair agam ceart gu leòr, ach ’s beag orm obair.
Uill, chan eil an obair cho dona ach ’s beag orm Glaschu.
Cha robh mi airson tighinn a Ghlaschu idir.
Carol!
It’s not that easy.
I have a job right enough, but I hate work.
Well, the job isn’t so bad but I hate Glasgow.
I didn’t want to come to Glasgow at all.
Carol O Iain!
Cha robh fios agam.
Oh John!
I didn’t know.
Iain Uill, dè as urrainn dhomh a dhèanamh?
Tha Eòghann agus Eilidh anns an sgoil.
Tha Màiri-Ann’ ag obair agus granaidh...Uill tha e doirbh, tha e glè glè dhoirbh.
Well, what can I do?
Ewan and Helen are at school.
Mary-Anne is working and granny...well, it’s difficult, it’s very very difficult.