FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Planning a holiday A’ cur air dòigh saor-làithean

How long will you be away? Dè cho fada 's a bhios tu air falbh?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè cho fada ’s a bhios sibh air falbh? how long will you be away? (plural/polite)

dè cho fada ’s a bhios tu air falbh? how long will you be away?

bidh sinn air falbh airson seachdain we will be away for a week

airson seachdain for a week

cuin a bhios sibh air falbh? when will you be away? (plural/polite)

bidh sinn air falbh … we will be away …

ann an seachdain in a week

ann an uair a thìde in an hour

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Husband Halò, a ghràidh.
Ciamar a tha thu a-nochd?
Hello, dear.
How are you tonight?
Wife Tha glè mhath.
Dè bha dol an-diugh aig an oifis?
Very good.
What was going on today at the office?
Husband Cha robh mòran.
O, feumaidh mi a dhol a Lunnainn a-màireach.
Not much.
Oh, I have to go to London tomorrow.
Wife A Lunnainn?
Dè cho fada ’s a bhios tu air falbh?
To London?
How long will you be away?
Husband Dìreach dà latha.
Bidh mi air ais Dihaoine.
Just two days.
I’ll be back on Friday.
Wife Dè an uair a bhios tu aig an taigh? What time will you be at home?
Husband Mu chòig uairean. About five o’ clock.
Wife Chan eil sin cho dona.
Chan eil sinn a’ dol a-mach gu ochd uairean.
That’s not so bad.
We’re not going out until eight o’ clock.
Mòrag Feasgar math Aonghais. Good afternoon Angus.
Aonghas A Mhòrag, cuin a thàinig thu air ais? Morag, when did you come back?
Mòrag Thàinig sinn air ais a-raoir. Mu dheich uairean. We came back last night. About ten o’ clock.
Aonghas Agus ciamar a bha Sealtainn?
Càit an robh sibh a’ fuireach?
And how was Shetland?
Where did you stay?
Mòrag Bha sinn fuireach ann an Lerwick.
’S toigh leam Sealtainn.
Àite snog.
We stayed in Lerwick.
I like Shetland.
A nice place.
Aonghas Chan eil mi fhìn eòlach air.
Dè cho fada ’s a bha sibh air falbh co-dhiù?
I don’t know it myself.
How long were you away anyway?
Mòrag Bha sinn air falbh airson seachdain. We were away for a week
Man 1 A bheil mionaid agaibh? Do you have a minute?
Boss Tha.
Trobhad a-steach.
Yes.
Come in.
Man 1 Tha mi airson a dhol air saor-làithean. I want to go on holiday.
Boss Cuin a tha thu airson falbh? When do you want to go?
Man 1 Dihaoine. Friday.
Boss Agus dè cho fad’ ’s a bhios tu air falbh? And how long will you be away?
Man 1 Bidh sinn air falbh airson seachdain. We’ll be away for a week.
Boss Bidh sin ceart gu leòr.
Càit a bheil sibh a’ dol?
That’s will alright.
Where are you going?
Man 1 Tha sinn a’ dol gu Barraigh. We’re going to Barra.
Boss Tha mi fhìn eòlach air Barraigh.
Tha mo bhràthair pòsta ann am Bàgh a’ Chaisteil.
I know Barra myself.
My brother is married in Castlebay.
Man 1 Ceart.
Tapadh leibh.
Ok.
Thank you.