FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dealing with people A’ dèiligeadh ri daoine

May I see...?Am faod mi...fhaicinn?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

To ask to see someone in particular you would say:

am faod mi an dotair fhaicinn? may I see the doctor?

am faod mi fhaicinn? may I see him?

am faod mi a faicinn? may I see her?

You may hear some of the following responses:

faodaidh yes (in response to the question am faod …?)

faodaidh, fuirich mionaid you may, wait a minute

chan fhaod no (in response to the question am faod …?)

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Male Receptionist Feasgar math. Good afternoon.
Man Halò.
Am faod mi Anna NicDhonnchaidh fhaicinn?
Hello.
May I see Anne Duncan?
Male Receptionist Chan eil fhios agam a bheil i an seo an-diugh.
Fuirichibh mionaid.
A bheil Anna NicDhonnchaidh an seo an-diugh?
I don’t know if she is here today.
Wait a minute.
Is Anne Duncan here today?
Female Receptionist Chan eil.
Tha latha dheth aice an-diugh.
No.
She has a day off today.
Male Receptionist Tha mi duilich.
Chan eil i an seo.
Tha latha dheth aice an-diugh.
I’m sorry.
She isn’t here.
She has a day off today.
Man Tapadh leibh. Thank you.
Man Halò.
’S mise athair Chaluim MhicAmhlaigh.
Hello.
I’m Calum MacAulay’s father.
Teacher Ciamar a tha sibh? How are you?
Man Tha gu math, tapadh leibh.
Am faod mi an tidsear aig Calum fhaicinn?
I’m well, thank you.
May I see Calum’s teacher?
Teacher An tidsear aig Calum.
Faodaidh gu dearbh.
Tha i anns an rùm sin.
Calum’s teacher.
Yes, indeed.
She is in that room.
Man Tapadh leibh. Thank you.
Receptionist Ionad nan Dotair. Doctors’ surgery.
Seonag Halò.
Seo Seonag NicGillìosa.
Am faod mi an dotair fhaicinn feasgar?
Hello.
This is Joan Gillies.
May I see the doctor this afternoon?
Receptionist Cò an dotair? Which doctor?
Seonag An Dotair Camshron. Doctor Cameron.
Receptionist Tha mi duilich.
Tha an dotair trang fad an latha an-diugh.
I’m sorry.
The doctor is busy all day today.
Seonag A-màireach ma-thà. Tomorrow then.
Receptionist A-màireach...
Dimàirt...
deich uairean.
Tomorrow...
Tuesday...
ten o’ clock.
Seonag Deich uairean.
Bidh sin ceart gu leòr.
Tapadh leibh.
Ten o’ clock.
That will be ok.
Thank you.