FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing everyday routine A’ bruidhinn mu rudan làitheil

At homeAig an taigh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

bidh mi a’ fàgail an taighe aig … I leave the house at …

cuin a bhios Iain a’ ruighinn dhachaigh? when does John arrive home?

dè bhios sibh a’ dèanamh? what do you do? (plural/polite)

dè bhios sibh a’ dèanamh Oidhche Haoine? (plural/polite) what do you do on Friday Night?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Màiri-Anna Obh, obh.
Tha mamaidh bhochd sgìth.
Agus cuin a bhios tu fhèin ag èirigh anns a’ mhadainn?
Lewis beag.
Cuin?
Oh dear, oh dear.
Poor mummy is tired.
And when do you get up in the morning?
Wee Lewis.
When?
Carol Leth-uair an dèidh còig. Half past five.
Màiri-Anna Cò bhios ag èirigh aig leth-uair an dèidh còig?
Lewis beag agus mamaidh bhochd!
Who gets up at half past five?
Wee Lewis and poor mummy!
Carol Cuin a bhios tu fhèin ag èirigh, a Mhàiri-Anna? When do you get up Mary-Anne?
Màiri-Anna Uill, bidh Iain a’ dèanamh cupa tì aig seachd uairean.
Agus bidh mi fhìn ag èirigh aig leth-uair an dèidh seachd.
Well, John makes a cup of tea at seven o’clock.
And I get up at half past seven.
Carol Ò, a Mhàiri-Anna.
Leth-uair an dèidh seachd!
Cuin a bhios tu a’ dol a dh’obair?
Oh, Mary-Anne.
Half past seven!
When do you go to work?
Màiri-Anna Bidh mi a’ fàgail an taighe aig cairteal gu naoi.
Bidh a’ chlann a’ falbh dhan sgoil aig leth-uair an dèidh ochd.
O, thì. Seall an uair!
Gabh mo leisgeul.
Feumaidh mi falbh.
I leave the house at quarter to nine.
The children leave for school at half past eight.
Oh Gees.
Look at the time!
Excuse me.
I have to go.
Carol Cuin a bhios Iain a’ ruighinn dhachaigh? When does John get home?
Màiri-Anna Aig leth-uair an dèidh sia mar as trice.
Ach bidh e a’ ruighinn dhachaigh a-nochd aig sia uairean.
Tha sinn a’ dol a-mach gu cèilidh aig leth-uair an dèidh seachd.
At half past six usually.
But he’ll be home at six o’clock tonight.
We’re going out to a ceilidh at half past seven.
Carol Ciamar a tha granaidh?
A bheil i gu math?
How’s granny?
Is she well?
Màiri-Anna Uill, chan eil i dona.
Uaireannan, bidh i ceart gu leòr.
Tapadh leat airson a’ chofaidh.
Well, she’s not bad.
Sometimes, she’s ok.
Thank you for the coffee.
Carol Càit a bheil an cèilidh a-nochd? Where’s the cèilidh tonight?
Màiri-Anna Ann am Pàrtaig.
Ò, haidh Iain.
Fhuair thu lioft?
In Partick.
Oh hi John.
You got a lift?
Iain Fhuair.
Feasgar math, a Charol.
Yes.
Good evening Carol.
Carol Feasgar math, Iain. Good evening, John.
Màiri-Anna Carol bhochd.
Tha Bill ann an Lunnainn a-rithist.
Cuin a bhios Bill a’ ruighinn dhachaigh, a Charol?
Poor Carol.
Bill is in London again.
When does Bill get home Carol?
Carol Feasgar Dihaoine aig leth-uair an dèidh còig.
Uaireannan, bidh e a’ ruighinn dhachaigh aig leth-uair an dèidh ceithir.
Friday evening at half past five.
Sometimes, he gets home at half past four.
Màiri-Anna Dè bhios sibh a’ dèanamh Oidhche Haoine? What are you doing on Friday night?
Carol Bidh sinn aig an taigh.
Bidh Bill a’ faighinn coiridh.
Uaireannan, bidh sinn a’ faighinn bhideo.
Carson?
We’ll be at home.
Bill will get a curry.
Sometimes, we get a video.
Why?
Màiri-Anna A bheil thu ag iarraidh a dhol dhan taigh-òsta Oidhche Haoine?
Thu fhèin agus Bill?
Do you want to go to the hotel on Friday night?
Yourself and Bill?
Carol Ò, ach, Lewis. Oh, but Lewis.
Màiri-Anna Bidh Eilidh agus Granaidh aig an taigh, Iain? Helen and Granny will be home, John?
Iain Bidh.
Ceart gu leòr.
Yes.
Right enough.
Carol Ò, uill, tapadh leibh. Oh, well, thank you.
Iain Glè mhath. Very good.
Màiri-Anna Tìoraidh. Cheerio.
Carol Tìoraidh. Cheerio.
Eilidh An Tunnel?
Am bi thu fhèin a’ dol dhan Tunnel a h-uile Disathairne?
Mise?
Cha bhi.
Uill, bidh uaireannan.
Och uill, Oidhche Haoine ma-thà.
Dè bhios tu a’ dèanamh Oidhche Haoine, Jade?
A bheil thu ag iarraidh a dhol dhan taigh-dhealbh?
Ò haidh a mhamaidh, haidh a dhadaidh.
Cuin a bhios dìnnear ann?
The Tunnel?
Do you go to the Tunnel every Saturday?
Me?
No.
Well, sometimes yes.
Oh well, Friday night then.
What are you doing on Friday night Jade?
Do you want to go to the cinema?
Oh hi mum, hi dad.
When’s dinner?
Màiri-Anna Tha thu air a’ fòn a-rithist Eilidh. You’re on the phone again Helen?
Eilidh Tha mi duilich, Jade.
Feumaidh mi falbh an-dràsta.
Oidhche Haoine ma-thà.
Ok.
Ok.
Tìoraidh.
I’m sorry Jade.
I have to go now.
Friday night then.
Ok.
Ok.
Cheerio.
Iain Cò bha siud air a’ fòn, a ghràidh?
Natalie, an e?
Who was that on the phone dear?
Natalie, was it?
Eilidh ’S e.
’S e Natalie a bh’ ann.
Yes.
It was Natalie.