FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing everyday routine A’ bruidhinn mu rudan làitheil

When do you leave the house?Cuin a bhios tu a' fàgail an taighe?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a’ ruighinn arriving

cuin a bhios tu a’ ruighinn dhachaigh? when do you arrive home?

air a’ bhus on the bus

mar as trice usually

a’ fàgail leaving

a’ gabhail trèan take a train

a’ faighinn lioft get a lift

a’ coiseachd walk

a’ gabhail bracaist take breakfast

diathad lunch

dinnear dinner

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Fichead sgillinn. Twenty pence.
Bus Driver Halò, ciamar a tha thu an-diugh? Hello, how are you today?
Woman 2 Tha gu math, tapadh leat. I’m good, thank you.
Bus Driver Cuin a bhios tu a’ fàgail an taighe anns a’ mhadainn? When do you leave the house in the morning?
Woman 2 Mar as trice, aig cairteal an dèidh ochd. Usually at quarter past eight.
Bus Driver Chan eil sin dona. That’s not bad.
Woman Tìoraidh. Cheerio.
Woman 2 Tìoraidh. Cheerio.
Woman A bheil càr agad? Do you have a car?
Woman 2 Chan eil. No.
Woman A bheil thu ag iarraidh lioft? Do you want a lift?
Woman 2 Chan eil, tapadh leat.
Bidh mi a’ dol dhachaigh air a’ bhus.
Tha tiocaid agam.
No thank you.
I go home on the bus.
I have a ticket.
Woman Cuin a bhios tu a’ ruighinn dhachaigh? When will you get home?
Woman 2 Mar as trice, bidh mi a’ ruighinn dhachaigh aig sia uairean. I usually get home at six o’ clock.
Woman Glè mhath ma-thà.
Chì mi a-màireach thu.
Very good then.
I’ll see you tomorrow.
Woman 2 Chì.
Feasgar math.
Yes.
Good afternoon.