FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing everyday routine A’ bruidhinn mu rudan làitheil

When do you go to bed?Cuin a bhios tu a' dol dhan leabaidh?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

bidh mi ag èirigh aig … I get up at …

cuin a bhios tu a’ dol dhan leabaidh? when do you go to bed?

bidh mi a’ dol dhan leabaidh I go to bed

cairteal gu naoi quarter to nine

a h-uile latha every day

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Girl 1 Cuin a bhios tu a’ dol dhan leabaidh aig an taigh? When do you go to bed at home?
Girl 2 Bidh mi a’ dol dhan leabaidh aig ochd uairean. I go to bed at eight o’clock.
Girl 1 Mise cuideachd.
Nuair a bhios an sgoil ann.
Me too.
When there's school.
Girl 2 Agus bidh mi a’ dol dhan leabaidh aig naoi uairean Dihaoine agus Disathairne. And I go to bed at nine o’clock on Friday and Saturday.
Girl 1 Mise cuideachd. Me too.
Woman Cuin a bhios sibh ag èirigh anns a’ mhadainn an seo? When do you get up in the morning here?
B & B owner Eadar seachd agus ochd uairean. Between seven and eight o’clock.
Woman Agus cuin a bhios sibh a’ dol dhan leabaidh? And when do you go to bed?
B & B owner Bidh sinn a’ dol dhan leabaidh aig aon uair deug. We go to bed at eleven o’clock.
Woman Aon uair deug?
Ceart gu leòr.
Càit a bheil an rùm agam?
Eleven o’clock?
Ok then.
Where’s my room?
B&B owner Rùm a seachd shuas an staidhre. Room seven up the stairs.
Woman Tapadh leibh. Thank you.
Father Chan eil mamaidh a’ faireachdainn gu math an-diugh. Mum doesn’t feel well today.
Son Dè tha ceàrr oirre? What’s wrong with her?
Father Fuirich an seo, a ghràidh.
Chan eil i a' faireachdainn gu math an-dràsta.
Tha an cnatan oirre.
Chì thu a-nochd i.
Cuin a bhios sibh a’ falbh dhan sgoil?
Wait here, dear.
She doesn’t feel well just now.
She has a cold.
You’ll see her tonight.
When do you go to school?
Daughter A dhadaidh, bidh sinn a’ falbh aig cairteal gu naoi a h-uile latha. Dad, we leave at quarter to nine every day.