FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing your life A’ bruidhinn mu do bheatha

When did you start...?Cuin a thòisich thu...?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

càit an do thòisich thu? where did you begin/start?

cuin a thòisich sibh? when did you begin/start? (plural/polite)

thòisich mi I began/started

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Feasgar math. Good afternoon.
Man Feasgar math.
O, halò a Mhòrag!
Good afternoon.
Oh, hello Morag!
Mòrag Halò, Iain.
Cuin a thòisich thu ag obair an seo?
Hello John.
When did you start working here?
Iain Thòisich am-bliadhna. I started this year.
Male Customer Dà phinnt làgair, uisge-beath’, dà bhodca is còc, is sùgh orains, mas e ur toil e. Two pints of lager, a whisky, two vodkas and coke, and an orange juice, please.
Barman Gabhaibh air ur socair.
Tha mi duilich.
Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig.
Take it easy.
I’m sorry.
I’m learning Gaelic.
Male Customer À!
Cuin a thòisich sibh?
Ah!
When did you start?
Barman Dìreach am-bliadhna. Just this year.
Male Customer Tha sibh a’ dèanamh glè mhath. You’re doing very well.
Barman Tapadh leibh.
Nise.
Dè tha sibh ag iarraidh a-rithist?
Thank you.
Now.
What do you want again?
Male Customer Dà phinnt làgair, agus.... Two pints of lager, and....
Man Càit an do thòisich thu an-diugh ma-thà? Where did you start today then?
Woman Thòisich mi ann an Loch Baghasdail, ann an Uibhist a Deas, agus an uair sin, chaidh mi a-null a Bheinn a’ Bhadhla, agus an uair sin thàinig mi sìos an seo. I started in Lochboisdale in South Uist, and then, I went over to Benbecula, and then I came down here.
Man Cuin a dh’fhàg thu Loch Baghasdail? When did you leave Lochboisdale?
Woman Aig ochd uairean. At eight o’ clock.
Man Cha robh siud dona. That wasn’t bad.