FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing your life A’ bruidhinn mu do bheatha

I was born and brought up in...Rugadh is thogadh mi ann an...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

rugadh is thogadh mi I was born and brought up

Is is a short form of agus.

ann am Fìobha in Fife

rugadh is thogadh mi ann am Fìobha I was born and brought up in Fife

nuair a bha mi when I was

nuair a bha mi beag when I was small

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Teacher Anna, càit an do rugadh sibh? Anne, where were you born?
Anna Rugadh is thogadh mi ann an Dùn Dèagh. I was born and brought up in Dundee.
Teacher Dùn Dèagh?
Tha mi glè eòlach air Dùn Dèagh.
Iain, càit an do rugadh sibh?
Dundee?
I know Dundee very well.
John , where were you born?
Iain Rugadh mi ann am Peairt. I was born in Perth.
Teacher Agus càit an do thogadh sibh? And where were you brought up?
Iain Ann am Peairt.
Rugadh is thogadh mi ann am Peairt.
In Perth.
I was born and brought up in Perth.
Teacher Glè mhath.
Càit an do rugadh sibh, a Mhàiri?
Very good.
Where were you born, Mary?
Màiri Rugadh mi ann an Uibhist a Tuath ach thogadh mi ann an Dùn Èideann. I was born in North Uist but I was brought up in Edinburgh.
Teacher An toigh leat Dùn Èideann? Do you like Edinburgh?
Màiri ’S toigh l'. Yes.
Teacher Càit an do rugadh sibh, Alasdair? Where were you born, Alasdair?
Alasdair Rugadh is thogadh mi ann am Fìobha. I was born and brought up in Fife.
Mother Halò. Hello.
Son A mhàthair, seo Seonag. Mother, this is Joan.
Mother Halò, a Sheonag.
Ciamar a tha thu?
Hello Joan.
How are you?
Seonag Tha gu math, tapadh leibh. Well, thank you.
Son Cò tha ag iarraidh cofaidh? Who wants coffee?
Mother Chan eil mise ag iarraidh càil, tapadh leat. I don’t want anything, thank you.
Seonag Tì, mas e do thoil e. Tea, please.
Mother Siuthad, suidh sìos. Go on, sit down.
Seonag Tapadh leibh. Thank you.
Mother Cò às a tha thu, a Sheonag? Where are you from, Joan?
Seonag Rugadh mi ann am Barraigh ach nuair a bha mi beag, chaidh sinn a Dhùn Èideann agus thogadh mi ann an Dùn Èideann. I was born in Barra but when I was little, we went to Edinburgh and I was brought up in Edinburgh.
Mother Ò.
Thogadh thu ann an Dùn Èideann?
Oh.
You were brought up in Edinburgh?
Seonag Thogadh. Yes.