FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing a day off A’ bruidhinn mu latha dheth

Activities on a day outLatha spòrs

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

cuin a thàinig thu? when did you come?

To answer:

thàinig mi… I came …

cho sgìth ris a’ chù as tired as a dog

a’ bruidhinn ri talking to

thàinig sinn aig còig uairean we came at five o’clock

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Sarah Halò.
Is mise Sarah NicDhòmhnaill.
Tha mi ochd deug.
Chaidh sinn a dh’Arainn an-dè.
Chaidh sinn a-null air a’ bhàta anns a' mhadainn.
Sin mo mhàthair agus sin m’ athair.
Sin Dòmhnall mo bhràthair.
Tha e còig deug...
Hello.
I’m Sarah MacDonald.
I’m eighteen.
We went to Arran yesterday.
We went over on the boat in the morning.
That’s my mother and that’s my father.
That’s my brother, Donald.
He’s fifteen...
Sarah Aig deich uairean anns a mhadainn bha sinn aig an tràigh.
Bha Dòmhnall ag iarraidh snàmh, cha robh mise, cha toigh leam snàmh.
Bha m’ athair a’ leughadh a’ phàipeir agus a’ cadal.
Bha mo mhàthair a’ bruidhinn ri boireannach.
At ten o’clock in the morning we were at the beach.
Donald wanted to swim, but I didn’t, I don’t like swimming.
My dad was reading the paper and sleeping.
My mother was speaking to a woman.
Sarah Bha mi fhìn agus mo bhràthair a’ marcachd feasgar.
Ach cha robh mo phàrantan a’ marcachd idir.
Chaidh m’ athair a dh’iasgach.
Cha toigh le mo mhàthair iasgach idir.
Chaidh ise a-null dhan chaisteal ann an Loch Raonasa.
My brother and I were horse riding in the afternoon.
But my parents weren’t horse riding at all.
My dad went fishing.
My mum doesn’t like fishing at all.
She went over to the castle at Lochranza.
Sarah Bha latha uabhasach math againn.
Thàinig sinn dhachaigh aig leth uair an dèidh deich feasgar.
Bha mo bhràthair ag iarraidh cluich fhathast.
Ach bha mi cho sgìth ris a’ chù.
We had a very good day.
We came home at half past ten in the evening. My brother still wanted to play.
But I was as tired as the dog (exhausted).