FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Describing things and people Ag innse cò ris a tha daoine agus rudan coltach

She's a kind woman'S e boireannach còir a th' innte

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

’s e boireannach … a th’ innte she’s a … woman

’s e boireannach gasta a th’ innte she’s a nice woman

’s e boireannach còir a th’ innte she’s a kind woman

tha cuimhne agam I remember

tha cuimhne agam … I remember …

ort … you

oirbh … you (plural/polite)

air … him

oirre … her

orra … them

air Màiri …. Mary

... air mo charaid, Iain ... my friend, John

a bheil cuimhne agad oirre? do you remember her?

a bheil cuimhne agad air? do you remember him?

a bheil cuimhne agad air ...? do you remember …?

tha yes

chan eil no

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Girl A bheil sibh a’ falbh? Are you leaving?
Woman Tha. Yes.
Girl Càit a bheil sibh a’ dol? Where are you going?
Woman Tha mi a’ dol dhachaigh.
Ach, tha an Dotair NicAonghais a’ tighinn.
I’m going home.
But, Doctor Macinnes is coming.
Girl Cha toigh leam Dotair NicAonghais. I don’t like Doctor Macinnes.
Woman Nise, ’s e boireannach gasta a th’ innte.
Tìoraidh an-dràsta.
Now, she’s a nice woman.
Cheerio for now.
Girl Tìoraidh. Cheerio.
Lollypop Lady Feasgar math. Good afternoon.
Women Feasgar math. Good afternoon.
Lollypop Lady Ciamar a tha sibh an-diugh? How are you today?
Woman 1 Tha gu math, tapadh leibh. Well, thank you.
Woman 2 A bheil thu eòlach oirre? Do you know her?
Woman 1 Tha.
Tha i à Barraigh.
Ach tha i a’ fuireach ann an Glaschu a-nis.
’S e boireannach gasta a th’ innte.
Yes.
She’s from Barra.
But she lives in Glasgow now.
She’s a nice woman.
Man Halò, a ghràidh.
Càit an robh thu?
Hello, dear.
Where were you?
Woman Chaidh mi a chèilidh air Anna NicChoinnich. I went to visit Anne Mackenzie.
Man Anna NicChoinnich? Anne Mackenzie?
Woman Seadh.
Tha i a’ fuireach air Sràid Wilton.
Yes.
She lives on Wilton Street.
Man Ò, tha.
Tha cuimhne agam.
’S e boireannach còir a th’ innte.
Oh, yes.
I remember.
She’s a kind woman.