FaclairDictionary EnglishGàidhlig

After Waking Às dèidh dhomh dùsgadh

After waking up try expressing “after” with verbs... Às dèidh dhut dùsgadh feuch ri “às dèidh” a chleachdadh le gnìomhairean.

Video is playing in pop-over.

Às dèidh dhomh dùsgadh

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Fàilte. Bheir sinn sùil air mar a chanas sinn gun do rinn sinn rudeigin às dèidh rudeigin eile. Cuimhnichibh gun can cuid de dhaoine "an dèidh" an àite "às dèidh". Tha iad le chèile ceart gu leòr. Seo eisimpleir:

Às dèidh dhomh dùsgadh, dh'èirich mi agus chaidh mi sìos an staidhre dha mo bhracaist.

Anns an t-seantans seo, tha “às dèidh” ann, an uair sin “dhomh” agus an uair sin “dùsgadh”. Agus seo am pàtran a th' ann, mar a chluinneas sibh anns na seantansan a leanas.

Às dèidh dhuinn èirigh, dh'èist sinn ris an rèidio.

Às dèidh dhut falbh, an do thill thu a-riamh?

Chì sibh an aon phàtran anns na trì seantansan. Tha iad uile a' tòiseachadh le “às dèidh”, an uair sin tha do còmhla ri: mi/thu/e/i/sinn/sibh/iad, a' toirt dhuinn: dhomh/dhut/dha/dhi/dhuinn/dhuibh/dhaibh.

Mu dheireadh tha Ainmear Gnìomhaireach: dùsgadh, èirigh, falbh. Seo a-nis na nì sinn ma bhios ainm cuideigin ri dhol a-steach:

Às dèidh do Mhòrag tighinn a-steach, shuidh i.

Às dèidh do Chalum seinn, sheinn Màiri.

Tha fhios gum faic sibh am pàtran a-nis, agus seo mar a tha e ma bhios ainmear cumanta ann:

Às dèidh don bhalach èirigh, chuir e air aodach.

Dh'fhàs an taigh sàmhach às dèidh don chloinn falbh.

Ma bhios cuspair anns an t-seantans, feumaidh sinn structar beagan eadardhealaichte a chleachdadh, ach bidh sibh eòlach air cumaidhean "cas-museach". Mar eisimpleir: Feumaidh mi an doras a dhùnadh.

Seo eisimpleirean a-nis de sheantansan anns a bheil cuspair.

Às dèidh do dh'Anna an t-òran a sheinn, bhuail a h-uile duine am basan.

Às dèidh dhaibh am film sin fhaicinn, cha tèid iad faisg air taigh-dhealbh arithist.

Às dèidh do na gillean am biadh ithe, an gabh iad cupa cofaidh?

Cluinnidh sibh anns na h-eisimpleirean sin gum bi an t-ainmear gnìomhaireach aig an deireadh ag atharrachadh ann an dòighean a tha diofraichte bho chèile: "a sheinn", ach "fhaicinn" agus "ithe". Carson a tha sin? 'S e freagairt na ceist, gu bheil seo a rèir ciad litir an ainmeir ghnìomhairich. Ma tha an t-ainmear gnìomhaireach a' tòiseachadh le fuaimreag, cha chuir sinn dad ann ach an t-ainmear gnìomhaireach fhèin. Mar eisimpleir:

Às dèidh do na gillean am biadh ithe, am bu toigh leotha cupa cofaidh?

Ma tha an t-ainmear gnìomhaireach a' tòiseachadh le "f" agus fuaimreag, cuiridh sinn "h" a-steach mar seo:

Às dèidh dhomh am film sin fhaicinn, cha tèid mi faisg air taigh-dhealbh arithist.

Ma tha an t-ainmear gnìomhaireach a' tòiseachadh le litir sam bith eile, cuiridh sinn am facal "a" roimhe agus an uair sin "h" a-steach, mar a leanas:

Às dèidh do dh'Anna an t-òran a sheinn, bhuail a h-uile duine am basan.

Nise, às dèidh dhuibh sin a chluinntinn, a bheil sibh ga thuigsinn?
Tha mi cinnteach gu bheil.

Mar sin leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!