FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Busy Day 2 Latha Trang 2

A busy day, using “cuir” with various prepositions. Latha trang, a’ cleachdadh “cuir” le taghadh de roimhearan.

Video is playing in pop-over.

Latha Trang

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Tha mòran choigreach air tighinn a dh'fhuireach dhan bhaile againne bho chionn bliadhna no dhà. Tha iad a' cur ri àireamh an t-sluaigh agus tha sinn a' cur fàilte chridheil orra. Tha sinn a' cur eòlas air a' mhòr-chuid dhiubh ann an ùine ghoirid. Choinnich mi ri fear aca, Tònaidh, sa bhùth an latha roimhe. Bha prìs a' pheatrail sna h-eileanan a' cur uabhas air agus bha e a' cur às a chorp mu rud no dhà eile cuideachd. Bha e a' cur iongnadh air gu bheil am peatrail gu math nas saoire anns an Eilean Sgitheanach na tha e ann an Uibhist. Bidh sin a' cur na feirge orm fhèin cuideachd agus bidh mi a' cur taic ri iomairtean airson peatrail nas saoire fhaighinn.

Bha Tònaidh a' cur air dòigh artaigil dhan phàipear mu dheidhinn na cùise agus bha e a' cur ri chèile na b' urrainn dha faighinn de dh'fhiosrachadh. Gheall mi gun cuidichinn e a' cur an òrdugh an fhiosrachaidh agus gheall e tadhal am feasgar sin fhèin.

Cha robh sinn ach riaslach nuair a nochd Tònaidh feasgar. Ged a bha mi a' cur sgoinn orm sa bhùth cha robh mi ach a' cur dhìom mo sheacaid nuair a ghnog Tònaidh aig an doras am feasgar sin. Bha na naidheachdan air an rèidio - daoine thall 's a-bhos a' cur às dha chèile. Bha Sìleas a' cur thuige an teine. Bha am peantair a' cur dreach ùr air an t-seòmar-shuidhe againn agus bha an cù againn a' cur a-mach a theanga leis a' phathadh.

Coma leat. Cha robh an ùpraid a' cur dragh sam bith air Tònaidh còir. Shuidh e sìos, agus ann an ceann diog no dhà bha e a' cur peann ri pàipear. Bha mise a' cur air a' choire fhad 's a bha e a' cur a chuid smuaintean an cèill.

Cò nochd ach an tè bheag againn, Anna, agus i a' cur uimpe airson a dhol gu clas oidhche lùth-chleasan san sgoil. Bha ise a' cur an taighe às a' chèile a' coimhead airson nam brògan-spòrs aice. Cha mhòr nach canadh tu gu bheil an tidsear spòrs aig Anna a' cur às do chuideigin a h-uile seachdain mura h-eil na brògan ceart aca. Tha sinne a' cur fortan ann am brògan spòrs dhan chloinn! Co-dhiù, 's ann air a bràthair a bha Anna a' cur na coire an turas seo. Bha esan glè thaingeil nuair a chunnaic e gun robh na brògan fo bhòrd a' chidsin!

Cò thàinig a-steach an uair sin ach Cailean Dubh. Bha esan a' cur roth ùr air a' bhaidhsagail. Tha Cailean againne a' cosg fortan air a' bhaidhsagail a h-uile mìos. Bidh e ga thoirt leis dhan sgoil agus a' cur an ìre dhuinne gu bheil e nas saoire na bus na sgoile.

Cò nochd an uair sin ach Ealasaid. Tha pònaidh beag aig Ealasaid agus tha i a' cur airgead gun chiall ann am biadh dha. Is toigh leis an nighinn bhig aice, Caitlin, a bhith a' marcachd agus bidh i a' ceannach aodach leòmach anns na bùthan.

Thug mi fhìn sùil air Tònaidh. Bha e a' cur ainm ris an litir agus mise gun aon fhacal a chur rithe. Peatrail, brògan, baidhsagail agus eich ... Tha gach cuid dhiubh a' cur mo cheann na bhrochan!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!