FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Robots Ròbotan

Robots. (The future tense using “will” and “can”.) Ròbotan. (An Tràth Teachdail air a chleachdadh sa Ghàidhlig, far am biodh “can” sa Bheurla.

Video is playing in pop-over.

Ròbotan

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Tha sanasan air nochdadh air feadh a' bhaile againne a' toirt fa chomhair an t-sluaigh nas urrainn do chompanaidh àraidh dèanamh de dh'obair airson teaghlach ma phàigheas iad air a shon. Tha a' chompanaidh iongantach seo a cleachdadh ròbotan agus tha e coltach nach eil mòran ann nach tèid aca air dèanamh dhut.

Cuiridh iad an luatha a-mach sa mhadainn gun aon spot a chur air an ùrlar. Bheir iad a-steach an gual gun an t-àite a shalachadh. Nighidh iad ar cuid aodaich gun mòran fùdair a chaitheamh. Iarnaigidh iad na tha sa bhasgaid gun mòran dealain a chleachdadh. Sguabaidh agus sgùraidh iad an t-ùrlar gun dragh sam bith a chur air a' chat. Càiridh iad na leapannan gun dust a chur air feadh an taighe. Goilidh iad an coire gun uisge a dhòrtadh air feadh an àite. Cumaidh iad smachd air a' chloinn agus leughaidh iad sgeulachdan èibhinn dhaibh mus tèid iad a chadal. Teagaisgidh iad dhaibh mar a leughas iad gun strì sam bith agus seallaidh iad beagan modh dhaibh san dol seachad.

Chan eil an sin ach toiseach tòiseachaidh. Thèid aig na ròbotan seo air cus a bharrachd a dhèanamh dhuibh ma bheir sibh an cothrom dhaibh. Ceannaichidh iad biadh na seachdain dhuibh agus cuiridh iad dha na preasaichean e. Dràibhidh iad a dh'àite sam bith sibh ann an càr sam bith agus, a bharrachd air an sin, lìonaidh iad an càr le connadh freagarrach. Cuiridh iad an leabhar-latha agaibh air dòigh cuideachd agus chì iad nach bi dà choinneimh agaibh san aon àite aig an aon àm.

Deisealaichidh na seòid seo biadh an fheasgair dhuibh cuideachd. Nighidh iad am buntàta agus cuiridh iad feòil no iasg no dad sam bith a tha a dhìth oirbh dhan chucair dhuibh. Thèid aca cuideachd air am bòrd a sheatadh dhuibh. Cuiridh iad na sgèinean, na forcaichean agus na spàinean san àite cheart agus chì iad a bheil dad sam bith a-mach à àite mus fhosgail sibh an doras. Chì iad gu bheil an taigh blàth seasgair agus ma thogras sibh, fàgaidh iad an solas a-muigh air dhuibh sa Gheamhradh.

Ma tha làithean saora a dhìth oirbh cuiridh na ròbotan sin air dòigh dhuibh cuideachd. Taghaidh iad àm agus àite a fhreagras air an teaghlach gu lèir. Glèidhidh iad ceadan-siubhail an teaghlaich uile ann an àite sàbhailte agus chì iad gu bheil sibh aig a' phort-adhair ann an deagh àm an latha a tha sibh a' fàgail.

Teagaisgidh na ròbotan seo dhuibh mar a chluicheas sibh ionnstramaid ciùil, mar a sheinneas sibh òran math Gàidhlig agus mar a thaghas sibh gibhtean dhar càirdean aig àm na Nollaige.

'S e creutairean iongantach dha-rìribh a th' annta. Cha mhòr nach ann a bheireadh iad a chreidsinn air muinntir a' bhaile againne nach eil a leithid a rud ri Latha na Gocaireachd idir ann!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!