FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Manners: Bus Trip Modh: Cuairt Bus

A bus trip -- questions in the future tense. Cuairt bus -- ceistean anns an tràth theachdail.

Video is playing in pop-over.

Cuairt bus

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Madainn mhath agus fàilte oirbh uile air bòrd a' bhus mhòir, spaideil seo. Tha goireasan gu leòr air bòrd agus tha sinne seo airson cuideachadh sam bith a thoirt dhuibh. Bidh sinn a' cur cuairt air a' Ghàidhealtachd a h-uile seachdain agus chan eil math dhuinn a bhith bruidhinn ach Gàidhlig. Nach suidh sibh sìos ma-thà agus nach coimhead sibh a-mach air an uinneig?

Ma tha ceist sam bith agaibh, faodaidh sibh faighneachd dhuinne. Tha cuid agaibhse ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha sinne airson taic a thoirt dhuibh airson sin a dhèanamh. Seo agaibh liosta de dh'abairtean a bhios nan cuideachadh dhuibh.

Ma bhios am pathadh oirbh:

Am faigh mi deoch uisge?
Am faigh mi cupa tì?
Am faigh mi balgam ri òl?

Ma bhios sibh ag iarraidh stad:

Am faod sinn stad greis?
An stad sinn airson greis?
A bheil fad' againn ri dhol?

Ma bhios sibh ag iarraidh cuideachadh:

An cuidich sibh mi?

Ma bhios am baga agaibh ro throm:

An tog sibh mo bhaga?
An gabh sibh am baga bhuam?

Ma bhios an t-eagal oirbh gu bheil sibh a' dèanamh cus fuaim:

An cuir sinn dragh air duine?
An dùisg seo duine?

Ma bhios an t-acras oirbh:

Am faigh mi briosgaid?
An toir sibh dhomh greim a dh'itheas mi?
Nach stad sinn aig cafaidh air choreigin?

Ma dh'fhàsas a' chlann an-fhoiseil:

Am faigh mi dèideag dhan ghille bheag?
An leugh sibh sgeulachd dhan chloinn?

Ma bhios am bèibidh air dùsgadh:

Am faigh mi badan dhan bhèibidh?
Nach toir sibh dhòmhsa greis dhen bhèibidh?

Ma bhios sibh airson 'Aithris an Fheasgair' a chluinntinn:

Am faod mi an rèidio a chur air?
An cuir sibh air an rèidio?

Ma bhios sibh airson teagsa a chur gu cuideigin:

Am faod mi am fòn-làimhe agam a chleachdadh?

Ma bhios sibh a' faireachdainn toilichte:

An gabh mi òran dhuibh?
An cluich mi a' phìob dhuibh?
Nach gabh sibh port dhuinn?
Nach seinn sinn òran no dhà?

Ma bhios an t-àite a' fàs mì-sgiobalta:

An tog sibh sin far an ùrlair?
Nach sgioblaich sibh an t-àite?

Ma bhios biadh ceart a dhìth oirbh:

Nach stad sinn airson greim bìdh?
Nach gabh sinn greim ri ithe?

Ma chì sibh cuideigin a' strì rim bagaichean:

Nach cuidich mi sibh?
Nach tog mi na bagaichean sin dhuibh?

Ma tha sibh airson na suiteis a cheannaich sibh a roinn:

Nach gabh sibh suiteas?
An gabh sibh mìlsean?

Ma bhios cuideigin a' dol dhan bhùth dhuibh:

An ceannaich sibh am pàipear-naidheachd dhomh?
An toir sibh thugam deoch Coke?
Am faigh sibh briosgaidean dhomh?

Ma bhios an rèidio ro àrd:

An cuir sibh sìos an rèidio?
Nach tionndaidh sibh an rèidio sìos beagan?

Ma bhios sibh airson tighinn far a' bhus còmhla ri cuideigin eile:

An tig sibh dheth còmhla rium?
Nach tig sinn dheth còmhla?

Ma dh'fhàsas a h-uile duine sgìth:

Nach caidil sinn greiseag?

Siuthadaibh ma-thà! Nach buail sibh oirbh?


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!