FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A Busy Day! Latha Trang!

Leaving the country. (Expressing regrets or obligation.) A’ fàgail na dùthcha. (Dleasdanas no Iarrtas.)

Video is playing in pop-over.

A' Fàgail na Dùthcha

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Theab nach tug Magaidh Bheag thairis an t-seachdain sa chaidh. Bha aice ris a h-uile dad fhaighinn deiseil bhon a bha i a' fàgail air a' chiad phlèan à Beinn na Fadhla gu ruige Ghlaschu madainn Disathairne, agus a' dol às an sin dhan Eilbheis airson seachdain sgithidh. Mar sin, bha i na ruith agus na leum fad na seachdain a' feuchainn ri cùisean a chur ann an seòrsa de dh'òrdugh mus fhalbhadh i. Bha aice ri tadhal air càirdean agus ri seòladh an taigh-òsta agus àireamh na fòn-làimhe aice fhàgail aca air eagal 's gun tachradh dad fhad 's a bha iad air falbh.

Bha an t-uabhas obrach aig Magaidh ri dhèanamh Dihaoine. B' fheudar dhi an oifis a sgioblachadh agus thàinig oirre na pàipearan a bh' air an deasg aice a ghlasadh ann am preasa. Thàinig air Magaidh Bheag tadhal anns a' bhanca am feasgar sin a thogail airgead airson an turais. Dh'fheumadh i airgead gu leòr a thoirt leatha oir bha sgitheadh glè dhaor. B' fheudar dhi cuideachd tadhal anns na bùthan air an rathad dhachaigh a chionn 's gun robh aice ri biadh cait a cheannach agus greim fhaighinn air cuideigin a bhiathadh an cat fhad 's a bhiodh i air falbh.

Thadhail i air Màiri air an rathad dhachaigh às a' bhùth agus dh'fhaighnich i dhith am biodh ise deònach truinnsear bìdh a lìonadh dhan chat a h-uile latha. Dh'aontaich Màiri sin a dhèanamh agus thug sin faothachadh do Mhagaidh Bheag.

B' fheudar do Mhagaidh aodach blàth a thoirt leatha. Bha seacaid bhlàth aice ach thàinig oirre ad bhlàth a cheannach mus do dh'fhalbh i. Bha aice cuideachd ri stocainnean ùra blàth a cheannach airson nam brògan sgithidh aice. Bha màileid Magaidh cho làn 's gum b' fheudar dhi suidhe oirre airson a dùnadh.

Thàinig air Magaidh èirigh tràth madainn Disathairne a chionn 's gun robh aice ris an taigh uile a sgioblachadh mus do dh'fhàg i. B' fheudar dhi an t-ùrlar a sguabadh agus na soithichean a nighe agus a thiormachadh. B' fheudar dhi cuideachd fònadh dhan bhùth airson stad a chur air na pàipearan-naidheachd.

Bha aig Magaidh ri tagsaidh fhaighinn dhan phort-adhair air sàillibh 's nach robh còmhdhail eile aice. Thàinig an tagsaidh aig deich uairean agus b' fheudar dhan dràibhear Magaidh a chuideachadh le a màileid.

Nuair a ràinig iad am port-adhair dh'èigh iad air Magaidh agus thàinig oirre a màileid fhosgladh aon uair eile. B' fheudar dhi a h-uile dad a thoirt a-mach aiste agus bha aice ri a seacaid agus a brògan a thoirt dhith cuideachd. B' fheudar do Mhagaidh cuideachadh iarraidh airson a màileid a dhùnadh air ais.

Dh'innis an luchd-obrach do Mhagaidh gum biodh am plèan uair air dheireadh. Bha an t-acras air Magaidh Bheag a bhualadh is b' fheudar dhi cupa cofaidh agus pìos cèic a cheannach aig a' phort-adhair.

Bha Magaidh glè thaingeil nuair a ràinig i Geneva an oidhche ud. Bha na trèanaichean an sin air an uair mar a b' àbhaist agus cha tàinig oirre feitheamh fada sam bith airson tè fhaighinn gu ruige baile beag Wengen agus beanntan mòra na h-Eilbheis. Choinnich bana-charaid i aig an stèisean an sin agus cha tàinig oirre car obrach a dhèanamh fad seachdain!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!