FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Another Way of Saying it Dòigh Eile air a Ràdh

Catriona was standing in the doorway waiting for me as carefree as the skylarks! Bha Caitrìona na seasamh san doras a’ feitheamh rium, cho sona ris na h-uiseagan.

Video is playing in pop-over.

Peathraichean

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Is beag orm fhèin a bhith a' feuchainn dhan bhaile feasgar Disathairne nuair a tha na bùithtean a' cur thairis le daoine. Tà, sin far an deach mi Disathairne sa chaidh. Cò dh'fhòn a' chiad char sa mhadainn, agus mi trang am broinn an taighe, ach mo phiuthar, Caitrìona. Cha robh sìon air ach am baile a thoirt orm agus m' aghaidh a chur air Starbucks.

Bha ise, Caitrìona, na seasamh san doras a' feitheamh rium agus i cho sona ris na h-uiseagan. Bha an cò-latha-breith aig Caitrìona Dihaoine agus bha na fhuair i de dh'airgead aice na sporan - ged nach biodh e ann fada! Cha tèid agamsa air innse dhuibh na tha Caitrìona againne a' cosg sna bùithtean a h-uile mìos. Chan eil sgot aice nuair a thig e gu airgead. Biodh sin ann no às, chuir mi fàilte air Caitrìona. Bha eagal mo mhionaich orm gun gabhadh i san t-sròin e mura leiginn orm gun robh mi a cheart cho sunndach rithe fhèin.

Chan eil sinn uabhasach coltach ri chèile, tuigidh sibh. Ged a tha Caitrìona againne a' sreap ri dà fhichead chan eil i a' gabhail ris gu bheil i an aois sin agus 's ann a bheireadh i a chreidsinn air duine sam bith nach eil i ach sna ficheadan.

Ged a tha mi fhèin agus Caitrìona air a bhith glè mhòr aig a chèile fad ar beatha, tha ise glè fhada na barail fhèin agus 's ann ainneamh a gheibh mise làmh an uachdair oirre ann an deasbad sam bith. Bidh mise a' caomhnadh a' bheagain a th' agam de dh'airgead, ach bidh Caitrìona againne a' deiseil is deònach a chosg a h-uile cothrom a gheibh i. Chan eil mi tuigsinn cò às fon ghrèin a tha i a' faighinn na th' aice de dh'airgead. Tha mise air a bhith a' cosnadh on a bha linn Noah ann agus chan eil dà sgillinn ruadh agam a shuathas mi ri chèile.

Bha Caitrìona ann an deagh thriom Disathairne agus is math gun robh. Chuir e iongnadh orm nach tuirt i smid nuair a thuit an cupa cofaidh agam ann an Starbucks. Chaidh an cupa na cheud spealg air an ùrlar, ach cha robh dragh air Caitrìona idir agus cha do leig i oirre gum faca i sìon. Thàinig ormsa còig notaichean a bharrachd a phàigheadh ged-tà airson cupa eile 's a dh'innse na fìrinn cha robh mi idir air mo dhòigh.

'S gann gun robh sinn air suidhe nuair a chuir Caitrìona nam chuimhne na bha dhìth oirre sa bhaile: briogais is geansaidh dhi fhèin, seacaid a chumadh Dòmhnall tioram nuair a bhiodh e a' sreap nam beann ann an sìde nan seachd sian, dèideag bheag dhan bhèibidh ùr a bha an ath dhoras agus gus an gnothach a chrùnadh ceart, ad ùr a chuireadh i oirre gu pòsadh Màiri Bheag Alasdair Sheumais.

Ged a b' fheàrr leamsa a bhith a-muigh sa bheinn feasgar Disathairne cha robh sìon air ach an latha a chur seachad mar sgadan ann am baraille ann an teismeadhan baile mòr Ghlaschu!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!