FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Weather An t-Sìde

We talk a lot about the weather. Here are some sayings connected with it. An t-sìde - math no dona, bidh sinn a’ dèanamh tòrr bruidhinn ma deidhinn!

Video is playing in pop-over.

An t-Sìde

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] An t-sìde - math no dona, bidh sinn a' dèanamh tòrr bruidhinn ma deidhinn. Seo cuid a dh'abairtean co-cheangailte ris an t-sìde.

"Latha nan seachd sian". 'S e aimsir uabhasach a tha sin. Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh: "An dèidh tàirneanaich a' gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian.”

"Gèile is gailleann" - fìor dhroch stoirm.

Mura bi gaoth ann, fiù ’s uspag gaoithe, canaidh sinn gu bheil i na "fèath". Le aimsir mar seo, 's dòcha gum bi a' mhuir cho ciùin ri loch agus bidh daoine a' bruidhinn air "fèath nan eun".

Ma bhios sìde thioram ann, canaidh sinn gu bheil "turadh" ann.

Ma bhios beagan uisge ann, bidh e "a' sileadh".

Ma bhios an t-uisge trom, bidh "dòrtadh uisge" againn.

Ma bhios e nas miosa buileach, canaidh daoine gu bheil "dìle bhàite" ann.

Eadar na frasan ged-tà, 's dòcha gum bi a' ghrian a' deàrrsadh. Air latha teth, grianach, bidh "a' ghrian a' sgoltadh nan creag".

Chuala mi cuideachd daoine ag ràdh gu bheil e cho blàth 's gu bheil "am fitheach a' cur a-mach a theanga". Am bi iad a' dèanamh sin?

Chan eil cus teas a' còrdadh ri cuid a dhaoine a bharrachd agus bidh iad a' gearain gu bheil e "bruthainneach" no "slaoipte" agus gu bheil iad "gu bruich".

Anns a' gheamhradh, gu h-àraid ma bhios sneachda ann, cluinnidh tu gu bheil e "cho fuar ris a' phuinnsean" agus gu bheil daoine an impis a bhith air an "ragadh" no air an "lathadh" leis an fhuachd. Bidh thu ag ràdh gu bheil i "a' cur an t-sneachda" nuair a tha bleideagan a' tuiteam. Ma bhios sneachda mòr ann agus gaoth, bidh "cur is cathadh" againn.

'S dòcha gum bi reothadh cruaidh ann cuideachd agus gum bi na rathaidean sleamhainn agus cunnartach - "mar am botal".

Bidh sinn gu math taingeil nuair a thig "an t-aiteamh" agus bidh sinn a' coimhead air adhart ri sìde mhath.

Ach, feumaidh sinn cuimhneachadh nuair a nochdas aimsir nas fheàrr nach "dèan aon smeòrach samhradh".

Bheir sinn sùil air cuid de na facail agus abairtean a chleachd mi.

"Latha nan seachd sian". 'S e aimsir uabhasach a tha sin.

"Gèile is gailleann" - fìor dhroch stoirm.

Mura bi gaoth ann, fiù 's uspag gaoithe, canaidh sinn gu bheil i na "fèath". Le aimsir mar seo, 's dòcha gum bi a' mhuir cho ciùin ri loch agus bidh daoine a' bruidhinn air "fèath nan eun".

Ma bhios an t-uisge trom, bidh "dòrtadh uisge" againn.

Ma bhios e nas miosa buileach, canaidh daoine gu bheil "dìle bhàite" ann.

Air latha teth grianach, bidh "a' ghrian a' sgoltadh nan creag".

Ma bhios sneachda mòr ann agus gaoth, bidh "cur is cathadh" againn.

Bidh sinn gu math taingeil nuair a thig "an t-aiteamh" agus bidh sinn a' coimhead air adhart ri sìde mhath.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!