FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Listen and Write Èist is Sgrìobh

Try to write down the individual words spoken by the narrator. Feuch ri sgìobhadh sìos na faclan fa leth a chanas an neach aithris.

Video is playing in pop-over.

Èist is Sgrìobh

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Èist ri seo is sgrìobh na chluinneas tu:

Cumaidh mi orm lem obair crèadha ma dh'innseas tu dhomh dè an cumadh as fheàrr a chumainn orm a' dèanamh.

Nuair a bha mi còmhla ri m' athair, thall aig taigh m' athar, sheall mi suas dhan adhar àlainn.

Innsidh mi dhut dè nach fhaod thu innse do dhaoine anns an oifis - ma dh'innseas tu dhòmhsa dè a chuala tu.

Chan eil càil agam airson càl, ach tha fios agam gu bheil e càilear air ullachadh le ìm.

San dubhar bha gach nì air a dhubhadh a-mach, ach chunnaic mi tòrr nuair a thog an duibhre.

Tha m' athair ann an gaol le mo mhàthair, ged a bhios e uaireannan air a shàrachadh le ceasnachadh mo mhàthar.

Bha i a' cur rud dhan àmhainn, ach loisg i a làmh 's bha i ann an àmhghar is rinn i àmhailt neo-àbhaisteach.

Tha mòran dhaoine ann an Sìona a' dèanamh obair mhòr, ach chan urrainnear a ràdh gur daoine mòra iad uile.

Feuch nach tuit thu, oir ma thuiteas, tuitidh tu an comhar do chinn is bidh tuiteamas ann.

Thalla a-mach às mo shealladh, às an talla, oir tha an droch nàdar gad dhalladh agus gad thàladh gu cron!

Thuirt fear na cuirme, "Lùghdaich an àireamh," agus mar sin lùghdaicheadh na a bha a' tighinn gu ìre na bu lugha.

Nuair a bu raimhre mi nam bhalach reamhar bha raimhreachd mhòr fanear dhomh.

Ciamar a chaidh dhut?

Mar sin leibh!

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!