FaclairDictionary EnglishGàidhlig

More, More, More Barrachd, Tuilleadh, an Còrr

More, more, more words for more! An diofair eadar barrachd, tuilleadh agus an còrr.

Video is playing in pop-over.

Barrachd, Tuilleadh, an Còrr

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Chaidh mi fhèin 's mo mhàthair dhan àite-bìdh ùr, An Caladh, aig a' chidhe, an oidhche roimhe. Bha sinn ag iarraidh iasg math, ùr ithe.

A-nis tha mo mhàthair dhen t-seann sgoil Ghàidhealach a thaobh bidh. Bidh i an còmhnaidh ag iarraidh gun ith a cuid cloinne gu math, agus nach bi sìon air fhàgail air an truinnsear. Ach tha i fhèin air fàs nas sine agus chan eil càil aice airson na h-uimhir de bhiadh 's a b' àbhaist a bhith aice.

Uill, bha am pìos truisg a fhuair ise ro mhòr dhi 's mar sin, gheàrr i dheth pìos is chuir i barrachd truisg air an truinnsear agamsa. Cha robh mise a' gearan! Is nuair a thabhainn i tuilleadh truisg dhòmhsa bhon phìos aice-se - a bha fhathast mòr - ghabh mi e, ach, as dèidh greis, nuair a thabhainn i tuilleadh dhomh, b' fheudar dhomh aideachadh nach b' urrainn dhomh an còrr truisg a ghabhail. Bha mi cho làn ri ugh!

An uair sin chaidh mi a' pàigheadh. Gu h-àbhaisteach phàighinn lem chairt, ach gu neo-àbhaisteach, bha mi air mo chairtean fhàgail aig an taigh an oidhche ud. Ach bha airgead gu leòr nam sporan. Dh'innis an nighean a bh' aig an àitepàighidh a' phrìs dhomh is chuir mise m' airgead a-null thuice.

Thòisich mi an uair sin a' bruidhinn rim mhàthair. Ach nuair a sheall mi air ais chun na h-ighne, bha i gam choimhead - le fiamh a' gàire air a h-aghaidh. Bha mi air an t-airgead cheàrr a thoirt dhi. Bha barrachd airgid a dhìth!

Uill, chaidh mo cheann na bhroilleis 's cha b' urrainn dhomh cunntadh ceart. Nam chabhaig rot mi mo làmh dham sporan is chuir mi tuilleadh airgid a-null thuice. Ach sheall i orm a-rithist le gàire, is thuirt i gun robh i duilich, ach bha airgead fhathast a dhìth oirre. Bha mi air mo dhearg-nàrachadh, agus shìn mi barrachd airgid a-null thuice. Is mise a bha taingeil nach robh an còrr airgid a dhìth oirre às dèidh sin!

Bha am biadh math, ach cha bhi an aghaidh agam a thilleas ann tuilleadh!

Sùil air ais

chuir i barrachd truisg air an truinnsear
thabhainn i an tuilleadh truisg dhòmhsa
cha b' urrainn dhomh an còrr truisg a ghabhail
bha barrachd airgid a dhìth
chuir mi tuilleadh airgid a-null
nach robh an còrr airgid a dhìth


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!