FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Wedding Day Latha na Bainnse

A wedding in Harris. (Formal passive verbs with “-ar”.) Latha na Bainnse. (Gnìomhairean fulangach foirmeil le “-ar”)

Video is playing in pop-over.

Latha na Bainnse

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Bha latha mòr aig an teaghlach agam as t-samhradh. B' ann an uair sin a bha Anna, mo cho-ogha, a' dol a phòsadh. Bha an t-seirbheis gus a bhith air a cumail ann an Eaglais Chliamhain, ann na Ròghadhail, na Hearadh. Àrainneachd bainnse shnasail, romansach.

Mar a thuigear, bha cùram air Anna gum biodh a h-uile sìon dìreach ceart air an latha. Chunnaic a h-athair seo 's thuirt e, "Na bi fo uallach sam bith, a thasgaidh. "Cha mharbhar idir thu mura bi a h-uile sìon coileanta. "Tha gràdh againn uile ort agus bidh an latha dìreach sgoinneil."

Aig trì uairean feasgar - nuair a bu chòir dhìse nochdadh san eaglais -bha Daibhidh, am fear a bha i a' dol a phòsadh, cuideachd fo uallach. "Nach fhàgar mise a' coimhead caran gòrach," arsa esan, "ma bhios mi a' feitheamh an seo agus nach nochd i? "Fhreagair am fleasgach-bainnse, "Ist! Chan fhàgar thu aon phiuc nas gòraiche a' coimhead na 's àbhaist!"Abair fear-taice!

Ach bha a h-uile sìon dòigheil san eaglais, agus bha a' ghrian a' sgoltadh nan creag às dèidh na seirbheis - aig àm togail nan dealbh.

A-nis chaidh cuirm na bainnse a chumail ann am pàillean mòr air machair Losgaintir. Bha cuid de dhaoine nach robh idir a' dol a dhràibheadh às dèidh na cuirme, is bha iad ag iarraidh fiosrachadh fhaighinn bho fhear a' bhus cuin a bhiodh am bus ann nuair a bhiodh a' chuirm deiseil. Fhreagair an dràibhear, "Togar sibh uile ri taobh a' phàillein aig meadhan-oidhche."

Aig àm bìdh, bha ceist air cuid:am bu chòir dhaibh am biadh acasan ithe mus biodh greim mu choinneimh a h-uile duine eile? Thuirt neach-frithealaidh, "'S àbhaist gun ithear am biadh cho luath 's a chuirear air a' bhòrd e, "fhad 's a tha e fhathast teth." Bha am biadh sònraichte blasta. 'S bha a h-uile duine ann an deagh shunnd a' dannsa gun sgur -gus an tàinig deireadh na h-oidhche, ro luath.

Cha chanar guth ma deidhinn a-nis ach gun do chòrd a' bhanais glan rinn uile gu h-àraid ri Anna is Daibhidh!

Sùil air ais

Mar a thuigear
Cha mharbhar idir thu
Nach fhàgar mise a' coimhead caran gòrach
Chan fhàgar thu aon phiuc nas gòraiche
Togar sibh uile
'S àbhaist gun ithear am biadh
cho luath 's a chuirear air a' bhòrd e
Cha chanar guth ma deidhinn a-nis


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!