FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Other Countries Dùthchannan eile

Names of countries and points of the compass. Ainmean dhùthchannan agus na ceithir àirdean.

Video is playing in pop-over.

Dùthchannan Eile

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Feumaidh mi aideachadh nach eil cus ùidh agam ann an siubhal. Ach, bu ghlè thoigh leam a dhol dhan ear-thuath - oir dhearbh deuchainn-fala gur ann à Stabhangar, ann an Nirribhidh, a thàinig cuid dhem dhaoine. Mar sin tha mi càirdeach dha na Lochlannaich a thàinig a-nall a dh'Alba anns na longan-fhada aca bho chionn cheudan de bhliadhnaichean.

Chòrdadh e rium cainnt nan Nirribheach a chluinntinn. Agus chumainn orm na b' fhaide gu sear cuideachd - dhan t-Suain - oir bhiodh muinntir na Suaine a cheart cho tarraingeach ri na Nirribhich.

'S dòcha cuideachd gun gabhainn sùil a-null an taobh eile - dhan iar-thuath. Bha piuthar m' athar ann an Innis Tìle, agus chòrd e glan rithe, ged bha an àrainneachd buailteach atharrachadh aig àm sam bith - air sgàth bheanntanteine!

'S carson nach seallainn an iar-thuath air Innis Tìle - air a' Ghraonlainn, an teilean as motha san t-saoghal? Ghabhainn sùil cuideachd sìos chun an taoibh an ear - dhan Danmhairg.

Is fhad 's a tha mo smuaintean air an Roinn Eòrpa: chaidh mo phiuthar dhan Fhraing bho chionn ghreis. Chaidh i gu Paris, àite a shaoil i a bha romansach. Ach bha i duilich nach deach aice air bràmair fhaighinn bho phrìomh bhaile na Frainge!

Ghabh mi fhèin ceum, aon uair, sìos gu deas air an Fhraing, dhan Spàinn. Bha sluagh na Spàinne laghach, agus dh'ionnsaich mi rud mun deidhinn nach b' aithne dhomh roimhe sin. Fhad 's a bha sinn ann am Barcelona thuirt muinntir na sgìre nach b' e Spàinntich a bh' anntasan idir, ach Catalònianaich!

A-nis, às dèidh dhomh sealltainn mu thuath, mu dheas, gu sear is gu siar 's dòcha nach biodh siubhal cho dona 's a bha mi an dùil. Ach 's ann a tha mi anis dhen bheachd gum bu ghlè thoigh leam beagan siubhail a dhèanamh. Ach càit' an tòisichinn?

Sùil air ais

dhan ear-thuath
ann an Nirribhidh
cainnt nan Nirribheach
dhan t-Suain
muinntir na Suaine
dhan iar-thuath
ann an Innis Tìle
a' Ghraonlainn
chun an taoibh an ear - dhan Danmhairg
dhan Fhraing
bho phrìomh bhaile na Frainge
dhan Spàinn
sluagh na Spàinne
>mu thuath, mu dheas, gu sear is gu siar


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!