FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What's the Time Again? (traditional) Dè an Uair a tha e a-rithist? (siostam tradaiseanta)

What time was it again? (The traditional system.) Dè an uair a tha e a-rithist? (An siostam traidiseanta.)

Video is playing in pop-over.

Dè an uair a tha e a-rithist?

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Cha robh Calum idir math air matamataig, agus gu mi-fhortanach dhàsan, b' e sin an clas a bh' aige a-nis! Bha an uair ag ràdh sia mionaidean às dèidh a dhà. Sheall e a-mach air an uinneig agus thòisich e a' ruith 's a' leum na inntinn.

An uair a thàinig e thuige fhèin, bha e dà mhionaid dheug às dèidh a dhà. Mar sin, airson ùine a chosg, thòisich e a' tarraing dhealbhan air an leabharobrach aige.

An uair a bha e deiseil dhiubh ghabh e sùil dhòchasach air uaireadair - ach cha robh e fhathast ach naoi mionaidean deug às dèidh a dhà. Bha fios aige! Dhèanadh e itealan pàipeir! Sin a rinn e.

Nuair a bha e deiseil dhen itealan cha robh an uair fhathast ag ràdh ach còig mionaidean fichead às dèidh a dhà. Bha e ag iarraidh an t-itealan a chath, ach cha leigeadh an t-eagal leis.

An dèidh greis, fhuair e misneachd. Thilg e an t-itealan agus sheòl e a-null dhan an fhalt aig Shannon! Leig ise sgreuch aiste! Is sheall an tidsear air Calum.

Mun àm a fhuair i a-mach dè a rinn e, bha an uair ag ràdh còig mionaidean fichead gu trì. Agus bha i fhathast a' trod ris airson a bhith mì-mhodhail aig cairteal gu trì.

Ach cha robh seo a' cur dragh air Calum, fiù 's aig deich mionaidean gu trì, oir bha e a' sùileachadh gum faigheadh e a-mach às a chlas aice ann am beagan mhionaidean.

An uair sin, aig còig mionaidean gu trì, thòisich balach sa chlas ag ràdh gun robh gaol aig Calum air Shannon! Oh-o! Ged nach robh ach tiota ri dhol, ghabh Calum an cuthach 's chath e rubair air. Cha b' fhada gus an robh an tidsear a' trod ris a rithist. Ach nuair a chunnaic i cho coma co-dhiù 's a bha e, ghabh i seo gu dona.

Mar sin thuirt i ris gum feumadh e fantainn a-staigh aig amannan cluiche fad na seachdain agus na clàran aige a sgrìobhadh - ceud turas gach fear. Dòrainn!

Bha e a-nis trì uairean feasgar!

Sùil air ais

sia mionaidean às dèidh a dhà
dà mhionaid dheug às dèidh a dhà
naoi mionaidean deug às dèidh a dhà
còig mionaidean fichead às dèidh a dhà
còig mionaidean fichead gu trì
cairteal gu trì
deich mionaidean gu trì
còig mionaidean gu trì
trì uairean feasgar


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!