FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What's the time now? (new) Dè an Uair a tha e a-nis? (siostam ùr)

What’s the time now? (The new system.) Dè an uair a tha e a-nis? (An siostam ùr)

Video is playing in pop-over.

Dè an uair a tha e a-nis?

Presenter: Angela NicAoidh ( Angela Mackay)

[ANGELA] Siud rabhadh a' chleoc! Tha e còig mionaidean às dèidh seachd 's tha an tàm agam èirigh. Taobh a-staigh beagan mhionaidean 's tha an lite agam air goil 's tha e deiseil airson a dhòrtadh dhan bhobhla gus fuarachadh.

Tha e a-nis sia deug mionaidean às dèidh seachd. 'S fhèarr dhomh falbh 's mi fhèin a dhèanamh deiseil. Às dèidh leth-uair a thìde san t-seòmar glanaidh, bidh mi deiseil, lem aodach orm, mu sheachd mionaidean gu ochd.

A-nis gu mo choimpiutair is mo phuist-d. Leughaidh mi iadsan gu mu dheich mionaidean às dèidh ochd. Bidh mo lite fuar gu leòr airson ithe a-nis!

Fàgaidh mi an dachaigh aig còig deug mionaidean gu naoi. Is bidh mi aig m' obair aig naoi uairean! Is bidh mi mu choinneamh a' choimpiutair an uair sin gu aon uair deug - nuair a thèid mi chun a' chidsin airson cupa teatha a dhèanamh. Bidh an cupa sin falamh aig fichead 's a còig mionaidean às dèidh aon uair deug, agus bidh mise trang aig mo dheasc airson barrachd air uair a thìde eile.

Thig àm lòin aig leth-uair às dèidh meadhan latha 's thèid mi dhan àite-bìdh còmhla ris an luchd-obrach - airson cothrom còmhraidh. Is an uair sin bidh mi air ais aig mo dheasc aig leth-uair às dèidh uair, agus air ais gu: obair, obair, obair - gu trì uairean feasgar. Sin nuair a ghabhas mi an dara cuairt dhan chidsin: airson cupa cofaidh - mòr, làidir.

Fàgaidh mi m' oifis ro chòig deug mionaidean gu sia aig a' char as fhadalaiche - oir bidh mi an còmhnaidh a' gabhail mo dhìnnear aig sia uairean feasgar.

Agus an ath mhadainn, aig còig mionaidean às dèidh seachd, seirmidh an cleoc aon uair eile!

Sùil air ais

còig mionaidean às dèidh seachd
sia deug mionaidean às dèidh seachd
mu sheachd mionaidean gu ochd
mu dheich mionaidean às dèidh ochd
còig deug mionaidean gu naoi
aig naoi uairean
aon uair deug
fichead 's a còig mionaidean às dèidh aon uair deug
leth-uair às dèidh m(h)eadhan latha
leth-uair às dèidh uair
trì uairean feasgar
ro chòig deug mionaidean gu sia
còig deug mionaidean gu sia
sia uairean feasgar


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!