FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Holidays Saor-làithean

Take a holiday and use the continuous past/conditional tense. Gabh saor-làithean agus cleachd an tràth cumhach leantainneach.

Video is playing in pop-over.

Saor-làithean

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Shuas anns an adhar an-dràsta fhèin - no aig àm sam bith eile - tha timcheall air leth mhillean duine a' siubhal ann am plèanaichean. Smaoinich! Leugh mi sin ann am pàipear-naidheachd. Bidh mòran de na daoine air bòrd a' falbh air saor-làithean no a' tilleadh bho shaor-làithean.

Bhithinnsa a' falbh air saor-làithean anns a' ghrèin as t-samhradh. Bha an sgìre dhen Spàinn anns am bithinn snog; bhiodh an aimsir math agus bhiodh am biadh àlainn. Bhithinn a' sgaoileadh na naidheachd le cairtean-puist agus tron eadar-lìon, far am faiceadh tu deilbh dhìom air an tràigh a' gabhail na grèine, le deoch nam làimh, agus fiamh a' ghàire air m' aodann. Bhithinn cho dòigheil ri bròig, agus nuair a bhithinn air tilleadh, bhithinn ag ràdh gun robh e math faighinn air falbh, ach gun robh e na b' fheàrr buileach faighinn dhachaigh.

Ach, aig an taigh, thòisichinn a' faireachdainn nach robh na saor-làithean agam math gu leòr. Oir bhiodh tè a bhiodh ag obair còmhla rium a' snàmh còmhla ri leumadairean ann an Cancun agus rinn i leum-bungee. Chunnaic mi na deilbh. Aon mhadainn, leum mise às an leabaidh.

Bhiodh nàbaidh dhomh a' tilleadh à Nepal, far am biodh e a' coiseachd chun a' champa aig bonn Everest. Bhithinn a' cluinntinn nan sgeulachdan, ach carson a bhiodh e a' fuireach aig a' bhonn? Cha do chòrd a' cheist sin ris.

Choisich mise gu taigh-seinnse. Choinnich mi ri duine a bhiodh ag obair do charthannas ann an Delhi. Chuir a' bhochdainn uabhas air, ach thuirt e gun robh e math biadh ceart Innseanach fheuchainn. Ghabh mise curaidh cuideachd.

Chleachd daoine a bhith ag iarraidh fois air saor-làithean. A-nis, bidh a h-uile dàrna duine ris am bruidhinn thu airson a dhol tro Ameireagaidh a Deas ... air asal. No, bidh iad dìreach air tilleadh agus airson innse dhut mu dheidhinn. Na h-asalan bochda.

Daoine eile, bidh iad airson sealltainn gu bheil iad saidhbhir agus saor bho uallaichean na h-obrach. "Bha sinn anns an Fhraing," canaidh iad, "anns an taigh-shamhraidh againn. "Ach, 's ann a bha sinn a' dèanamh deiseil airson shaor-làithean ceart ann an Afraga."

'S e co-fharpais a th' anns na saor-làithean aig amannan. Chan eil dùil agam a dhol an sàs ann, ach nam bitheadh, dh'fhaodainn innse dha mo nàbaidh gum bithinn fhìn a' dol gu Everest ... mullach Everest. Chan eil na deilbh agam ge-tà, agus a thuilleadh air an sin, cha chaomh leam a bhith a' bòstadh.

Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail agus abairtean a chleachd mi.

Saor-làithean

Bhithinnsa a' falbh air saor-làithean.

Cairtean-puist

Bhithinn a' sgaoileadh na naidheachd le cairtean-puist agus tron eadar-lìon.

Dòigheil

Bhithinn cho dòigheil ri bròig.

Nàbaidh

Bhiodh nàbaidh dhomh a' tilleadh à Nepal.

Uill, tha sinne deiseil a-nis. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!