Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)
[ANGELA] Thèid ceistean duilich a chur ort nuair a thèid thu gu agallamh airson obair. Mar eisimpleir, "Dè na laigsean a th' agad?"
Ceist chunnartach, ach tha ceistean ann nach saoil thu a tha cho dona, ach a tha a cheart cho cunnartach, mar, "Dè na cur-seachadan a th' agad?"
Innsidh do fhreagairt tòrr mu do dheidhinn - cus 's dòcha. Mas e snàmh agus ballcoise na cur-seachadan agad, dh'fhaodadh tu a ràdh: "Bidh mi a' snàmh a huile latha. "Bidh mi a' cluiche ball-coise a h-uile Diluain." Shealladh sin gun robh ùidh cheart agad anns na cur-seachadan. "Bidh mi a' sreap nam beann, is mi a' feuchainn ri mullach a h-uile Rothaich a ruighinn." Ùidh mhòr agus amas - fìor mhath.
Bi foghlamaichte: "Tha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus tha mi a' faighinn air adhart math dha-rìribh." Dh'fhaodadh seo a bhith fìor: "Bidh mi a' coimhead an telebhisein a h-uile h-oidhche tron t-seachdain "agus a' gabhail na daoraich Oidhche Shathairne."
Ach, bi glic. An còrdadh e ris an luchd-fhastaidh? Bhiodh e na b' fheàrr a chur mar seo: "Bidh mi a' leantainn spòrs agus dràma, "agus bidh mi an sàs anns na dhà còmhla ri caraidean air an deireadh-sheachdain."
Caraidean - bruidhinn mu rudan a bhios tu a' dèanamh còmhla ri daoine eile. Cha bhiodh e ro mhath nam biodh an luchd-fastaidh den bheachd gur e duine aonranach a bh' annad. Shaoileadh iad sin nan canadh tu: "'S e fear-amhairc thrèanaichean a th' annam, aig amannan." Agus - "aig amannan" - car leam-leat. Tha e math a bhith a' faighinn air adhart le daoine - ach buileach math ma bhios thu gan cuideachadh.
Bi taiceil: "Bidh mi ag obair do charthannas tric is minig, "agus gan cuideachadh le iomairtean a h-uile cothrom a gheibh mi."
Agus, bi mionaideach: "Bidh mi ag obair gu saor-thoileach aig sutha "agus a' toirt biadh do thrì muncaidhean deug air fhichead gach Dihaoine. "Tha dhà ann a bhios gam bhìdeadh nuair a lùbas mi."
Agus aon rud eile - bi onarach. Innis an fhìrinn.
Bheir sinn sùil air ais air cuid de na facail agus abairtean a bh' agam.
Bidh mi a' snàmh a h-uile latha.
Bidh mi a' cluiche ball-coise a h-uile Diluain.
Bidh mi a' sreap nam beann, is mi a' feuchainn ri mullach a h-uile Rothaich a ruighinn.
Bi foghlamaichte: Tha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus tha mi a' faighinn air adhart math dha-rìribh.
Bidh mi a' coimhead an telebhisein a h-uile h-oidhche tron t-seachdain agus a' gabhail na daoraich Oidhche Shathairne.
Bidh mi a' leantainn spòrs agus dràma, agus bidh mi an sàs anns na dhà còmhla ri caraidean air an deireadh-sheachdain.
'S e fear-amhairc thrèanaichean a th' annam, aig amannan.
Bidh mi ag obair do charthannas tric is minig, agus gan cuideachadh le iomairtean a h-uile cothrom a gheibh mi.
Bidh mi ag obair gu saor-thoileach aig sutha agus a' toirt biadh do thrì muncaidhean deug air fhichead gach Dihaoine.
Sin e. Mar sin leat an-dràsta.

[ANGELA] You will be asked difficult questions when you go to a job interview. For example, "What are your weaknesses?"
A dangerous question, but there are questions, which you might not think are so bad, but which are just as dangerous, like, "What are your hobbies?"
Your answer will tell a lot about you - perhaps too much. If your hobbies are swimming and football, you could say: "I swim every day. "I play football every Monday." That would show that you have a real interest in your hobbies. "I climb hills, and I'm trying to reach the summit of every Munro." A strong interest and a goal - very good.
Be educated: "I am learning Gaelic, and I'm getting on very well." This could be true: "I watch television every night of the week "and get drunk every Saturday night."
But be sensible. Would the interviewers like that? It would be better to put it like this: "I follow sport and drama, "and I get involved in both with friends at the weekend."
Friends - talk about things you do along with other people. It wouldn't be very good if the interviewers believed you to be a loner. They might think so if you said: "I am an occasional train spotter." And - "occasional" – quite fickle. It's very good to get along with people - but even more so if you help them.
Be supportive: "I do work for a charity regularly and often, "and help them with initiatives every chance I get."
And go into detail: "I work as a volunteer at a zoo "and feed 33 monkeys every Friday. "Two of them bite me every time I bend down."
And one more thing - be honest. Tell the truth.
Let's take a look back at some of the words and phrases I used.
I swim every day.
I play football every Monday.
I climb hills, and I'm trying to reach the summit of every Munro.
Be educated: I am learning Gaelic, and I'm getting on very well.
I watch television every night of the week and get drunk every Saturday night.
I follow sport and drama, and I get involved in both with friends at the weekend.
I am an occasional train spotter.
I do work for a charity regularly and often, and help them with initiatives every chance I get.
I work as a volunteer at a zoo and feed 33 monkeys every Friday.
That's all. Goodbye for now.