FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Numbers 3 Àireamhan 3

Numbers again -- counting using the traditional system. Àireamhan a-rithist -- a’ cunntadh leis an t-siostam thraidiseanta.

Video is playing in pop-over.

Àireamhan 3

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Ma choinnicheas tu ri daoine a tha nas sine na, can, ceathrad no caogad, 's dòcha nach bi fios aca dè th' ann an "ceathrad" no "caogad". Bhiodh iad na bu dualtaiche dà fhichead agus leth-cheud a ràdh.

Tha dà dhòigh ann airson cunntadh anns a' Ghàidhlig - an siostam deicheach a bhios clann ag ionnsachadh anns na sgoiltean, agus a thugadh a-steach airson matamataigs a dhèanamh na bu shìmplidh, agus an siostam traidiseanta. Leis an t-siostam thraidiseanta, bidh sinn a' cunntadh ann am ficheadan.

Tha an dà shiostam co-ionnan gu fichead, ach, tha iad ag atharrachadh às dèidh sin.

An àite trithead, canaidh sinn deich air fhichead leis an t-seann siostam.

Airson ceathrad - dà fhichead.

An àite caogad - leth-cheud.

Airson seasgad - trì fichead.

An àite seachdad - trì fichead 's a deich.

An àite ochdad - ceithir fichead.

Airson naochad - ceithir fichead 's a deich.

Leis an dà shiostam, canaidh sinn ceud airson ceud.

Bidh cuid a' cunntadh ann am ficheadan thairis air a' cheud. Mar eisimpleir, canaidh daoine seachd fichead an àite ceud is ceathrad. Canaidh cuid ceud is dà fhichead cuideachd.

'S e mìle a chleachdas sinn leis an dà shiostam.

Tha diofar dhòighean ann airson àireamhan a chleachdadh cuideachd.

Nuair a bhruidhneas sinn mu aoisean, canaidh sinn gu traidiseanta gu bheil daoine dà bhliadhna air fhichead seach fichead bliadhna 's a dhà. Canaidh tu sia bliadhna deug air fhichead an àite trichead 's a sia.

Mothaichidh tu gu bheil "bliadhna" a' fuireach singilte. 'S e cleachdadh a tha sin anns a' Ghàidhlig. Tha an aon rud fìor mu dhaoine; canaidh sinn ceithir duine deug an àite ceithir daoine deug. Tha an t-ainmear singilte.

A-rithist, le nithean eile, tha thu a' cur an rud air a bheil thu a' bruidhinn eadar na h-àireamhan leis an t-seann siostam agus às dèidh nan àireamhan leis t-siostam ùr.

Mar eisimpleir, chanadh tu trì cearcan deug air fhichead an àite trichead 's a trì cearcan. Chanadh tu dà fhichead bòrd 's a ceithir deug no leth-cheud bòrd 's a ceithir gu traidiseanta. Leis an dòigh ùir, 's e caogad 's a ceithir bùird a bhiodh ann.

Tha e feumail dha-rìribh a bhith eòlach air an dà shiostam - oir cluinnidh tu na dhà agus tha mòran dhaoine ann a tha dìreach eòlach air aonan dhiubh.

A-nis, bheir sinn sùil air cuid de na thuirt mi.

Bhiodh iad tòrr na bu dualtaiche dà fhichead agus leth-cheud a ràdh.

An àite trithead, canaidh sinn deich air fhichead leis an t-seann siostam.

An àite seachdad - trì fichead 's a deich.

Airson naochad - ceithir fichead 's a deich.

Mar eisimpleir, canaidh daoine seachd fichead an àite ceud is ceathrad.

Canaidh sinn gu traidiseanta gu bheil duine dà bhliadhna air fhichead seach fichead bliadhna 's a dhà.

Chanadh tu trì cearcan deug air fhichead an àite trichead 's a trì cearcan.

Sin e ma-thà. Mar sin leat.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!