FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Proverbs Seanfhacail

Some proverbs (using the continuous present/future tense with “-as”). Seanfhacail (a’ cleachdadh an tràth teachdail leantainneach le “-as”)

Video is playing in pop-over.

Seanfhacail

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Tha mòran comhairle anns na seanfhacail Ghàidhlig mu na bu chòir dhut dèanamh agus a ràdh. Nise, ged a bhios mise an seo a' cur às mo chorp, bidh mi a' toirt an aire nach can mi càil nach bu chòir dhomh a ràdh.

Nuair a bhios clann timcheall, cuimhnich:

An rud a chì na big, 's e a nì na big.

Agus 's e droch rud a th' ann an cus bruidhinn:

Am fear as fheàrr a dh'èisteas, 's e as fheàrr a chluinneas.

Agus bruidhinn nach còrd ri daoine:

Am fear a ghlèidheas a theanga, glèidhidh e a charaid.

Cuideachd, ma tha thu a' dèanamh an t-uabhas bruidhinn is fuaim 's e fìor dhroch bheachd a bhios aig daoine ort:

Far an taine an abhainn, 's ann as motha a fuaim.

A' bhò as miosa sa bhuaile, 's i as àirde a nì geum.

Abair càineadh! Ach:

Cha tig às a' phoit ach an toit a bhios innte.

Cluinnidh tu cuideachd:

'S e am beul a labhras, ach an gnìomh a dhearbhas.

Agus, nuair a thig e gu gnìomh, tha moladh mòr anns na seanfhacail air daoine a tha dìcheallach:

Am fear as fheàrr a chuireas, 's e as fheàrr a bhuaineas.

Do dhaoine leisg, tha rabhadh ann:

Am fear a bhios fada gun èirigh, bidh e na leum fad an latha.

Agus nas miosa na sin:

Am fear a bhios air dheireadh, beiridh a' bhiast air.

Chan eil math dhut a bhith slaodadh le rudan eile a bharrachd:

Am fear a bhios fada gun phòsadh, fàsaidh feusag mhòr air.

Ach tha beagan dòchais ann dhan duine a ghabhas air a shocair, oir:

Ruigidh each mall muileann.

Agus:

Am fear a bhios fada aig an aiseag, gheibh e thairis uaireigin.

Bheir sinn sùil air ais air cuid de na seanfhacail a bh' agam.

Am fear as fheàrr a dh'èisteas, 's e as fheàrr a chluinneas.

Am fear a ghlèidheas a theanga, glèidhidh e a charaid.

Far an taine an abhainn, 's ann as motha a fuaim.

A' bhò as miosa sa bhuaile, 's i as àirde a nì geum.

Am fear as fheàrr a chuireas, 's e as fheàrr a bhuaineas.

Am fear a bhios fada gun èirigh, bidh e na leum fad an latha.

Am fear a bhios air dheireadh, beiridh a' bhiast air.

Am fear a bhios fada gun phòsadh, fàsaidh feusag mhòr air.

Am fear a bhios fada aig an aiseag, gheibh e thairis uaireigin.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!