FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Other relations Càirdean eile

Distant relatives -- family relationship nouns in the genitive case. Ainmearan chàirdean fad às -- ainmearan buill teaghlaich anns an tuiseal ghinideach.

Video is playing in pop-over.

Càirdean eile

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Fàilte. Bheir sinn sùil air facail co-cheangailte ri teaghlaichean, gu sònraichte ri càirdeas nas fhaide às na pàrantan, oghaichean, clann, bràithrean is peathraichean.

Tha sibh eòlach air na facail chumanta mar athair, màthair, bràthair, piuthar, seanair, seanmhair, mac, nighean is ogha. Glè thric bidh facail chumanta a' briseadh riaghailtean àbhaisteach agus chì sibh mar a bhios iad seo ag atharrachadh ann an diofar shuidheachaidhean.

An urrainn dhuibh obrachadh a-mach dè an càirdeas a tha eadar sibh fhèin agus na daoine seo anns an teaghlach agaibh?

piuthar mo mhàthar
piuthar m' athar
bean bràthair mo mhàthar
bean bràthair m' athar

Tha gach facal a' sònrachadh càirdeas fa leth eadar sibh fhèin agus iad. Bha na càirdeasan seo furasta obrachadh a-mach nuair a bha teaghlaichean uile a' fuireach faisg air a chèile agus mion-eòlach air a chèile, ach ann an saoghal an latha an-diugh, far a bheil teaghlaichean nas sgapte, 's dòcha nach eil e furasta an càirdeas a chur an cèill cho mionaideach. Mar sin, tha facal ùr ann an Gàidhlig, antaidh, a chuireas na ceithir càirdeasan sin an cèill. Tha na h-ainmean traidiseanta rin cluinntinn fhathast, ged-thà.

Dè mu dheidhinn nan daoine seo?

bràthair mo mhàthar
bràthair m' athar
an duine aig piuthar mo mhàthar
an duine aig piuthar m' athar

'S e uncail am facal ùr Gàidhlig a chuireas na càirdeasan sin an cèill, ach a-rithist cluinnidh sibh na h-ainmean traidiseanta.

Tha càirdeasan eile ann cuideachd. A' smaoineachadh air an teaghlach agaibh fhèin a-rithist, an obraich sibh a-mach cò iad seo?

mac bràthair m' athar
mac piuthar m' athar
mac bràthair mo mhàthar
mac piuthar mo mhàthar
nighean bràthair m' athar
nighean piuthar m' athar
nighean bràthair mo mhàthar
nighean piuthar mo mhàthar

Tha a' Ghàidhlig gu math mionaideach leis na h-ainmean sin, ach tha aon fhacal ùr ann - co-ogha - a chuireas na h-ochd càirdeasan sin an cèill. Tha abairt anns a' Ghàidhlig airson an càirdeas eadar sibh fhèin agus duine sam bith dhiubh siud a chur an cèill: "Tha sinn anns na h-oghaichean."

Mu dheireadh, seo càirdeas eile. Cò iad anns an teaghlach agaibh fhèin?

mac mo bhràthar
mac mo pheathar
nighean mo bhràthar
nighean mo pheathar

Tha a' Ghàidhlig fhathast a' cleachdadh nan ainmean seo.

Thig càirdeasan eile gu bith tro phòsadh. Ma phòsas ur piuthar, bidh bràthaircèile ùr agaibh, agus ma phòsas ur bràthair, bidh piuthar-chèile ùr agaibh. Bidh athair-cèile agus màthair-chèile ùr aig an fheadhainn a phòsas. Cluinnidh sibh gur e "cèile" a th' ann còmhla ri ainmear fireann agus "chèile" còmhla ri ainmear boireann. Mac-cèile agus nighean-chèile.

An do mhothaich sibh mar a dh'atharraich na facail chumanta nuair a bha iad còmhla ri ainmear eile?

athair, ach piuthar ur n-athar
màthair, ach piuthar ur màthar
bràthair, ach mac ur bràthar
piuthar, ach mac ur peathar

Slàn leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!