FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skills and Ability Sgilean is Comasan

Skills and ability. (Inverted constructions.) Sgilean is comasan. (Cumaidhean cas mu seach.)

Video is playing in pop-over.

Sgilean is Comasan

Presenter: Derek MacAoidh (Derek MacKay)

[DEREK] Gu tric sa Ghàidhlig bidh sinn a' cleachdadh structar a dh'fhaodadh a bhith doirbh do luchd-ionnsachaidh. Nuair a thòisicheas sinn air an cànan ionnsachadh, tòisichidh sinn le structaran car sìmplidh, mar: "Tha mi a' dràibheadh." Às dèidh greis 's dòcha gum bi sinn a' cleachdadh structaran mar, "Dràibhidh mi an càr," no, "Dhràibh mi an càr."

Ach dè mu dheidhinn rud mar: "Is urrainn dhomh an càr a dhràibheadh"? A bheil thu air a leithid a chluinntinn? 'S e structar gu math cumanta a th' ann sa Ghàidhlig, far am bi an rud a bhios tu a' dèanamh, no am prìomh ghnìomhair a' tighinn aig deireadh a' chlàsa.

Sa chliop seo bheir sinn sùil air suidheachaidhean far a bheil thu comasach air rudeigin a dhèanamh. 'S e sin suidheachaidhean far a bheil an structar seo glè fheumail. An urrainn dhut snàmh? Is dòcha gun urrainn. Mura h-urrainn gedthà, 's urrainn dhut leasanan snàimh fhaighinn ann an iomadach àite san latha an-diugh.

Bidh thu air cluinntinn leis na bha sin gu bheil 'urrainn' agus 'do' a' dol còmhla. Mar sin canaidh mise, "'S urrainn dhomh am bogsa seo a thogail. "An urrainn dhutsa a thogail, no a bheil e ro throm dhut?" Mar sin tha mise làidir gu leòr airson a bhith a' togail a' bhogsa. Tha an comas agam an rud a thogail; 's urrainn dhomh am bogsa thogail.

Smaoinich, dè as urrainn dhut dèanamh an-dràsta? An urrainn dhut mo chluinntinn an seo? An urrainn dhut a' ghrian fhaicinn? Tha am pathadh orm. An urrainn dhut cupa tì a dhèanamh dhomh? Gabhaidh mise drùdhag bainne agus còig siùcaran, mas e do thoil e! Ma tha thu comasach air gin de na rudan sin a dhèanamh, canaidh tu, "'S urrainn." Mura h-eil thu comasach air gin dhiubh, can, "Chan urrainn."

Sin, cha mhòr, e airson 'urrainn', ach aon rud. Can gun robh thu uaireigin comasach air rud a dhèanamh. B' àbhaist dhomh a bhith nam sheòrsa de 'lùthchleasaiche' - co-dhiù bhithinn a' cur car a' mhuiltein bho àm gu àm! B' urrainn dhomh car a' mhuiltein a chur nuair a bha mi na b' òige. Chan urrainn a-nis gedthà! Dè a b' urrainn dhutsa a dhèanamh nach urrainn dhut a-nis? Am b' urrainn dhut ionnsramaid-chiùil a chluich no an 't-Seann Triubhas' a dhannsadh? Am b' urrainn? B' urrainn no cha b' urrainn.

Uill tha an ùine air ruith oirnn a-rithist, feumaidh mi togail orm. Mar sin leat andràsta.

Bonn-notaichean

Tha caochladh de structaran ann co-cheangailte ri 'urrainn'. Ma tha rudeigin ann air a bheil thu comasach, cleachd structar mar: "'S urrainn dhomh rudeigin a dhèanamh."

Mas e gnìomhair as urrainn dhut dèanamh, cleachd structar leithid: "'S urrainn dhomh ruith," no, "'S urrainn dhomh snàmh."

Is dòcha gu bheil an comas agad a bhith ann an staid air choreigin. Ma tha, cleachd structar mar seo: "'S urrainn dhomh a bhith nam amadan," mar eisimpleir.

Agus mu dheireadh, mas e riochdair pearsanta an rud air a bheil thu comasach, cleachd an structar seo: "'S urrainn dhomh do thogail," no "Chan urrainn dhomh ur cluinntinn."


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!