FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Drinking and Driving. Not Allowed! Dràibheadh agus Deoch làidir. Chan fhaod!

Drinking and driving. Not allowed! (Rules and permissions.) Dràibheadh agus deoch làidir. Chan fhaod! (Riaghailtean is cead.)

Video is playing in pop-over.

Dràibheadh agus Deoch Làidir. Chan fhaod!

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Anns a' chliop seo, bidh sinn a' coimhead air mar a làimhsicheas sinn suidheachaidhean far a bheil cead againn rudeigin a dhèanamh agus suidheachaidhean far a bheil againn ri rudeigin a dhèanamh.

Tha mi cinnteach gu bheil sibh air daoine a chluinntinn ag ràdh leithid, "Feumaidh mi falbh," no fiù 's, "Am faod mi falbh?" Sin agaibh dà eisimpleir den rud air a bheil sinn a-mach an seo. An toiseach, bheir sinn sùil air feum.

Ann am Breatainn feumaidh sinn uile dràibheadh air an taobh chlì den rathad.

Feumaidh sinn a bhith bliadhna a dh'aois no nas sine mus fhaigh sinn deoch làidir ann an taigh-seinnse.

Feumaidh tu uighean, flùr, ìm agus siùcar airson cèic a dhèanamh.

Feumaidh tu an càr agad a thogail ann an dòigh air choreigin mus atharraich thu a' chuibhle.

Mas e gnìomhair a tha san rud a dh'fheumas tu dèanamh, bidh e ag obair mar a' chiad fhear: "Am feum sinn dràibheadh?" "Chan fheum. Feumaidh sinn coiseachd."

Uaireannan feumaidh sinn a bhith rudeigin. "Feumaidh sinn a bhith nar dùisg mus dràibh sinn, nach fheum?" "Feumaidh."

Aig amannan feumaidh sinn rud gus am bi e comasach dhuinn rudeigin a dhèanamh.

Feumaidh tu coimpiutair le ceangal chun an eadar-lìn son am post-d a chleachdadh.

An suidheachadh mu dheireadh air an toir sinn sùil le 'feum', 's e nuair a dh'fheumas tu rudeigin a dhèanamh.

"Feumaidh tu do làmhan a nighe mus dèan thu am biadh."

"Feumaidh tu na brògan seo a cheannach; tha iad fìor mhath."

Tha 'faod' ag obair air an aon dòigh, ach 's ann mu dheidhinn cead a tha seo. Ma tha cead agad rudeigin a dhèanamh, faodaidh tu a dhèanamh.

Faodaidh duine dràibheadh aig 17 bliadhna a dh'aois, ach chan fhaod iad deoch làidir a cheannach.

"Am faod mi am pìos pàipeir seo a chleachdadh?" "Faodaidh. Faodaidh tu am pìos sin a chleachdadh, "ach chan fhaod thu am pìos eile a chleachdadh; "'s e rud cudromach a th' air a sgrìobhadh air."

Anns an dealachadh, feuch an tuig sibh mar a tha 'feum' agus 'faod' san earrainn seo:

A-muigh air an dùthaich tha trioblaidean aig taighean-seinnse le deoch agus dràibheadh. Chan fhaod duine dràibheadh fo bhuaidh na dibhe, ach feumaidh iad dràibheadh mus fhaigh iad ann sa chiad dol a-mach!

Feumaidh tu cuideigin a tha air ainmeachadh mar dhràibhear ro làimh agus feumaidh esan no ise a bhith sòbarra; chan fhaod an deoch a bhith orra.

Mar sin leibh an-dràsta.

Bonn-notaichean

Leis an dà ghnìomhair seo, 'feum' agus 'faod', is dòcha gun do mhothaich sibh nach eil na tràthan uile ann. Mar eisimpleir, ma tha sibh airson bruidhinn mu dheidhinn rudeigin air an robh feum agaibh, feumaidh sibh gnìomhair eile a chleachdadh,

"B' fheudar". "B' fheudar dhomh falbh.";
"B' fheudar dhomh an taigh agam a reic."

An dòigh as fhasa air cead a làimhseachadh anns an Tràth Chaithte ged-tà, 's e a bhith a' cleachdadh structar eile, can:

"Cha robh cead agam falbh."
"Cha robh cead agam an taigh a reic."


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!