FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Door, Window Doras, Uinneag

Who let the dogs out? (Passive verbs using “air a”.) Cò leig na coin mu sgaoil? (Gnìomhairean fulangach le “air a”.)

Video is playing in pop-over.

Cò leig na coin mu sgaoil?

Presenter: Derek Mackay (Derek MacAoidh)

[DEREK] Fàilte air ais. Sa chliop seo bheir sinn sùil air dòigh eile air an Guth Fulangach a chruthachadh.

Ann an cliopan eile tha sinn a' coimhead air a' Ghuth Fhulangach le 'rach' agus le 'ga'. Tha dòighean eile ann air an aon rud a dhèanamh sa Ghàidhlig, ach tha na trì dhiubh seo - eadar na dhà a bha ann roimhe agus am fear seo - gu math cumanta ann an còmhradh làitheil, mar sin bidh cothroman agad an cur gu feum ann an suidheachaidhean àbhaisteach.

Chan eil fhios agam càite bheil thu nad shuidhe agus a' coimhead air a' chliop seo, ach mas urrainn dhut, coimhead mun cuairt ort fhèin an-dràsta. Dè tha thu a' faicinn? A bheil dorsan ann, uinneagan, bogsaichean, crogain, no rud sam bith a dh'fhaodadh a bhith fosgailte no dùinte? Ma tha iad fosgailte, faodaidh tu a ràdh gu bheil iad air am fosgladh. No ma tha iad dùinte, faodaidh tu, mar an ceudna, a ràdh gu bheil iad air an dùnadh. Sin agaibh eisimpleir den dòigh ùir againn.

Tha na h-eisimpleirean sin car neònach ged-tà. Mar as trice, ma tha thu ann an seòmar, mar eisimpleir, cha bhi thu ag ràdh ach: "Tha an doras fosgailte." No, "Tha an uinneag dùinte." No, "Cò dh'fhàg an crogan silidh sin fosgailte?"

Le do chead ged-tà, bheir sinn sùil eile air aon de na h-eisimpleirean a bh' againn mus gluais sinn air adhart gu suidheachaidhean nas fheumaile dhut. "Tha iad air an dùnadh." Is iad na facail 'iad' agus 'an' a tha cudromach an seo. "Tha iad air an dùnadh." Mas e is gur e doras (ainmear fireann) a bha dùinte, 's e a bhiodh ann ach: "Tha e air a dhùnadh." Le uinneag (ainmear boireann) dh'fhaodadh tu a ràdh: "Tha i air a dùnadh." Sin agad mar a bhios an dòigh seo ag obair.

Ach dè, tha mi gad chluinntinn, na suidheachaidhean da-rìribh anns am biodh an dòigh seo air a chleachdadh? Coimheadaidh sinn air eisimpleir no dhà.

Nuair a thàinig mi dhachaigh a-raoir bha na coin againn a-muigh air a' bhlàr. Bha na dorsan uile dùinte, ach bha uinneag ann a bha air a fàgail fosgailte. Bha mi sgìth agus dh'fhàg seo car feargach mi. "Cò leig na coin a-mach?" dh'èigh mi ris a' chloinn. "Cha b' e sinne!" thàinig am freagairt. "Uill," arsa mise, "bha iad air an leigeil mu sgaoil mus tàinig mise dhachaigh!"

'S e deagh shìde a bh' againn a-bhos an seo an deireadh-seachdain sa chaidh, fìor dheagh shìde, teth cuideachd, is mi ag obair air clais faisg air an taigh againn. Dh'fhaighnich mo bhean dhomh an robh mi ag iarraidh balgam teatha. 'S e a thuirt mi rithe ach, "Bidh mi air mo mharbhadh leis an obair seo mura faigh mi an t-srùbag a dh'aithghearr!"

Chuala tu gum faod sinn an dòigh seo a chleachdadh ann an tràth sam bith, eadar 'tha', 'bha', 'bidh' agus 'bhiodh'. Mo thaing dhut airson èisteachd a-rithist. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!