FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Building Work Obair Togail

Building work! (Passive verbs using “rach”.) Obair togail! (Gnìomhairean fulangach le “rach”.)

Video is playing in pop-over.

Obair Togail

Presenter: Derek Mackay (Derek MacAoidh)

[DEREK] Smaoinich air an abairt: "Rugadh is thogadh mi ann an Glaschu." Tha mi cinnteach gum bi thu air a leithid a chluinntinn. 'S e a th' ann an 'rugadh' agus 'thogadh', ach pàirt den Ghuth Fulangach aig an dà ghnìomhair 'beir' agus 'tog'.

Tha diofar dhòighean againn sa Ghàidhlig air an Guth Fulangach a chruthachadh. Bheir sinn sùil air aonan dhiubh agus cuideachd coimheadaidh sinn air an t-seòrsa suidheachaidh far an cleachdamaid an Guth Fulangach.

A bheil thu air leithid, "Chaidh mo thogail ann an Glaschu" a chluinntinn? Tha e a' ciallachadh an aon rud ri "Thogadh mi ann an Glaschu." 'S e dòigh eile a th' ann air an aon rud a ràdh agus 's e structar glè chumanta a tha ann ann an cainnt làitheil.

Smaoinich air an t-seantans ghoirid seo: "Thog Ruairidh an taigh seo ann an 1971." Bha Ruairidh ann agus rinn esan an obair togail; chan e seantans fulangach a tha seo idir.

Smaoinich a-nis air seo: "Chaidh an taigh seo a thogail ann an 1971." Càit a bheil Ruairidh? Chan eil duine sam bith ann a rinn an obair. Tha brìgh an t-seantains seo fulangach. "Chaidh an taigh a thogail."

Smaoinicheamaid a-nis, air dè dha-rìribh a tha a' tachairt san t-seantans seo: "Chaidh an taigh seo a thogail ann an 1971." Bidh thu air cluinntinn gun tuirt mi am facal 'chaidh', an aon fhacal 's a chleachdas sinn nuair a chanas sinn leithid, "Chaidh mi don bhùth an-dè." Dìreach san aon dòigh, dh'fhaodamaid a ràdh, "Thèid an taigh seo a thogail an-ath-bhliadhna."

Seo agad cuid de dh'eisimpleirean eile den structar seo.

"Thèid do thogail aig 9:00 uairean feasgar; dèan cinnteach gum bi thu deiseil."

"Chaidh an litir seo a sgrìobhadh aig àm a' chiad chogaidh; chan eil fhios againn cò sgrìobh i."

"Thuirt am Prìomhaire gun rachadh na taighean saora seo a thogail "agus gum biodh an cothrom aig a h-uile duine àite-fuirich fhaighinn."

Mar a thuirt mi a cheana, ann an structaran fulangach mar seo, cha bhi duine ann a nì an gnìomh. Mar sin, thèid na structaran seo a chleachdadh nuair nach eil e cudromach cò rinn e anns na tha thu ag ràdh. Is dòcha nach bi fios agad cò rinn e air no dh'fhaodadh gu bheil fios agad ach nach eil thu airson innse.

"Chaidh am baga seo a ghoid bho bhùth sa bhaile. Tha deagh fhios agam cò ghoid e ach cha bhiodh e sàbhailte dhomh innse!"

Ssh. Mar sin leat.

Bonn-notaichean

Anns a' chliob seo thug sinn sùil air aon dòigh son an Guth Fulangach a chruthachadh. Tha dòighean eile ann, ach 's e dòigh gu math cumanta a tha seo agus cluinnidh tu tric e ann an còmhraidhean làitheil. Thèid an structar seo a chleachdadh gu h-àraidh nuair a bhios toiseach agus deireadh deimhinne air a' ghnothach. Cha bhiodh sinn ag ràdh, mar eisimpleir, "Thèid a' Ghàidhlig a bhruidhinn fhathast ann an Gàidhealtachd na hAlba." Chan eil toiseach agus deireadh deimhinne ann. 'S e structar eile a chleachdamaid airson a' bhrìgh fhulangach sin a chur am briathran. Bidh sinn a' coimhead air ann an cliob eile.

Is dòcha gu bheil thu air mothachadh nach robh càil ann a thaobh rudan a tha a' tachairt an-dràsta. Tha sin ri linn is nach eil fìor thràth làthaireach againn sa Ghàidhlig. Feumaidh sinn an gnìomhair 'bi' a chleachdadh son sin a dhèanamh. A-rithist tha seo a' nochdadh ann an cliob eile.

Bonn-notaichean air na bonn-notaichean

Nan robh mi air seo a ràdh: "Chaidh an taigh seo a thogail le Ruairidh." A-nis tha Ruairidh ann san t-seantans seo agus tha fios againn gur esan a rinn an obair, mar sin an e seantans fulangach a tha seo? Uill, 's e. Ged a tha Ruairidh ann agus gu bheil tuigse againn gun do rinn esan an obair togail, tha e ann mar phàirt de chlàs coghnìomhaireach. Tha prìomh bhrìgh an t-seantains fhathast fulangach: "Chaidh an taigh seo a thogail …"


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!