FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Would You Say That? An canadh tu sin?

Would you say that? (Irregular verbs in the conditional tense.) An canadh tu sin? (Gnìomhairean neo-riaghailteach anns an tràth chumhach.)

Video is playing in pop-over.

An canadh tu sin?

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Fàilte. Tha sinn fortanach nach eil ach deich gnìomhairean neo-riaghailteach anns a' Ghàidhlig. 'S iad na gnìomhairean nach bi a' cur "h" a-steach anns an Tràth Chaithte no "-idh" anns an Tràth Theachdail.

An-dràsta bheir sinn sùil air na gnìomhairean a tha neo-riaghailteach anns an Tràth Chumhach, 's e sin an tràth a dh'innseas na thachras ... 's dòcha ...

'S e an deagh naidheachd nach eil na deich gnìomhairean uile neoriaghailteach anns an tràth seo. Tha "abair" no "can" a' cumail ris na riaghailtean àbhaisteach, mar a tha "beir", "cluinn", "dèan", "rach" agus "ruig". Mar sin dheth, chan eil ach ceithir gnìomhairean a tha neo-riaghailteach anns an Tràth Chumhach.

Tòisichidh sinn le "faic", agus chì sinn mar a chuireas 's mar a fhreagras sinn ceistean. Seo ceist: Nam biodh sibh anns an Eilean Sgitheanach, am faiceadh sibh na h-Eileanan Siar? Nam faiceadh, chanadh sibh "chitheadh". Mura faiceadh, chanadh sibh "chan fhaiceadh". Nam biodh sibh anns an Eilean Sgitheanach, tha fhios gum faiceadh sibh na h-Eileanan Siar nam biodh latha math ann, ach tha fhios nach fhaiceadh nam biodh an ceò ann.

Bheir sinn sùil air "faigh" a-nis. Seo ceist: Am faigheadh tu pàipear-naidheachd dhomh nuair a bhios tu sa bhùth? Nam faigheadh tu am pàipear, chanadh tu "gheibheadh". Nam biodh tu ro thrang no mura faigheadh, chanadh tu "chan fhaigheadh". Tha mi cinnteach gum faigheadh duine reusanta sam bith pàipear-naidheachd do dhuine eile, ach 's dòcha nach fhaigheadh nam biodh an duine eile uabhasach leisg.

Tha "thig" againn a-nis, agus seo ceist: An tigeadh tu a Pheairt Disathairne? Nan tigeadh sibh a Pheairt, chanadh sibh "thigeadh", ach mura tigeadh, chanadh sibh "cha tigeadh". Ach tha Peairt cho brèagha 's gun tigeadh duine glic sam bith ann, ach chanadh cuid nach tigeadh ged nach eil mise a' tuigsinn carson.

Bheir sinn sùil air "thoir" a-nis, agus seo dhuibh ceist: An toireadh Calum cuideachadh dhomh le m' obair a-màireach? Nan toireadh Calum cuideachadh dha, chanadh sibh "bheireadh", agus 's dòcha gum biodh rudeigin eile a' tachairt a-màireach agus mura toireadh Calum cuideachadh dha, chanadh sibh "cha toireadh". Bha an duine a chuir a' cheist an dòchas gun toireadh Calum cuideachadh dha le obair, ach tha e a' tuigsinn a-nis nach toireadh.

Ma chuireas sibh ceistean mar seo air daoine, bhiodh e modhail am facal "saoil" a chur ron cheist, mar eisimpleir: Saoil an toireadh tu fichead not dhomh? Saoil am faigheadh tu deich dhomh? Saoil an tigeadh iad a-mach anochd? Saoil am faiceadh iad mi?

Anns an dealachadh, cuimhnichibh nach canamaid "chitheadh mi" ach "chithinn". Cha chanamaid "gheibheadh mi", "thigeadh mi" no "bheireadh mi" nas motha, ach "gheibhinn", "thiginn" agus "bheirinn". Cha bhi "mi" a' nochdadh anns an Tràth Chumhach. Cuideachd, cluinnidh sibh "chìtheamaid", "gheibheamaid", "thigeamaid" agus "bheireamaid" an àite "chìtheadh sinn" agus eile.

Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!