FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Everyday Conversation 2 Cabadaich Làitheil 2

Everyday conversations using irregular verbs in the future tense. Cabadaich làitheil a’ cleachdadh gnìomhairean neo-riaghailteach anns an tràth theachdail.

Video is playing in pop-over.

Cabadaich Làitheil 2

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Fàilte. Bheir sinn sùil air Gnìomhairean Neo-riaghailteach agus mar a bhios iad ag obair son rudan nach do thachair fhathast, rudan a bhios a' tachairt san àm ri teachd: an Tràth Teachdail.

Anns a' Ghàidhlig, chan eil ach deich gnìomhairean neo-riaghailteach, agus anns an Tràth Theachdail, chan eil ach sia dhiubh neo-riaghailteach. Ged-thà, 's iad an fheadhainn as trice a thèid a chleachdadh. Uair sam bith a bhios tu a' bruidhinn mu rud a nì thu, rud a chì tu, àite dhan tèid thu no rud a gheibh thu, bidh thu a' cleachdadh nan gnìomhairean neo-riaghailteach seo. Leis gu bheil iad cho cumanta sa chànan, tha iad cuideachd gu math cumanta ann an abairtean agus gnàthasan-cainnte na Gàidhlig. Bheir sinn sùil air cuid de na habairtean agus gnàthasan-cainnte seo gus rathad a-steach fhaighinn chun nan gnìomhairean neo-riaghailteach.

Am faic thu fhèin clann mun cuairt ort nad bheatha làitheil a bhios ag ràdh no a' dèanamh rudan nach eil cho math, a dh'fhaodadh a bhith air tighinn bho na pàrantan? Uill, ma chì no ma chluinneas, dh'fhaodadh tu rud mar seo a ràdh:

An rud a chì na big, 's e a nì na big; an rud a chluinneas iad, 's e a chanas iad.

Is dòcha gum bi cuideigin air droch naidheachd a thoirt dhut - naidheachd nach robh thu air cluinntinn roimhe. Uaireannan eile, thèid na planaichean againn ceàrr, nach tèid? Is dòcha nach fhaic sinn rathad air adhart is nach bi fios againn dè nì sinn. Aig amannan mar sin is dòcha gum bi an abairt seo feumail:

Nuair a gheibh sinn biadh, gheibh sinn poit.

Ma tha thu ag iarraidh bruidhinn ri cuideigin, tha dòigh shnog againn air sin a ràdh:

"Am faigh mi facal air Màiri?"

'S e an fhreagairt an dàrna cuid gheibh no chan fhaigh.

Mas urrainn dhut rudeigin a dhèanamh, tha dòigh eile againn air sin a ràdh:

"Thèid agam air an rud a dhèanamh."

An tèid agad fhèin air snàmh? Thèid no cha tèid.

Can gu bheil caraid agad a' coimhead glè shnog agus geansaidh ùr air no oirre. Dh'fhaodadh tu a ràdh:

"Is math a thig an geansaidh sin dhut!"

Mura h-eil thu cinnteach a bheil do gheansaidh fhèin a' coimhead buileach cho spaideil ort, bhiodh tu, is dòcha, ag ràdh:

"An tig an geansaidh seo dhomh?"

Thig no cha tig.

Ma tha caraid agad ann an droch shuidheachadh, ach tha thu fhèin den bheachd gur esan no ise as coireach, can seo riutha:

'S e do làmhan fhèin a bheir fuasgladh dhut!

Is dòcha nach bi iad ro thoilichte. Is dòcha gun toir iad droch shùil ort, ach bidh thusa air cobhair a thoirt dhaibh gun fhiosta dhaibh.

Uill tha an cliop seo air tighinn gu crìch.

Cha tèid an sionnach nas fhaide na bheir a chasan e.

Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!