FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Everyday Conversation Cabadaich Làitheil

Everyday conversations using irregular verbs in the past tense. Cabadaich làitheil a’ cleachdadh gnìomhairean neo-riaghailteach anns an tràth chaithte.

Video is playing in pop-over.

Cabadaich Làitheil

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay) with Catriona Johnston

[ANGELA] Fàilte. Bheir sinn sùil air gnìomhairean nach eil ag obair san dòigh àbhaisteach.

Bidh fios agad, tha mi cinnteach, gu bheil a' mhòr-chuid de ghnìomhairean a th' againn sa Ghàidhlig gu tur riaghailteach. Bidh iad ag obair a rèir nan riaghailtean. Tha deich ann ge-tà, a bharrachd air a' ghnìomhair 'bi', nach eil a' leantainn nan riaghailtean cho dlùth. Is iad na Gnìomhairean Neo-riaghailteach.

Ged nach eil ann ach deich dhiubh, tha iad air an cleachdadh glè thric. Bidh iad feumail ann an suidheachaidhean cumanta, suidheachaidhean anns am bi thu gach latha. Mar sin, tha e cudromach gu bheil deagh eòlas agad orra. Coimheadaidh sinn orra an seo, a thaobh shuidheachaidhean a tha seachad, rudan a thachair - an Tràth Caithte. Èist ri seo, agus tha mi an dòchas gum faigh thu blasad dhiubh.


[ANGELA] Am faca tu na fir chlis a-raoir?

[CATRÌONA] Chan fhaca. Chaidh mise don taigh-dhealbh a-raoir.

[ANGELA] An deach? Dè am film a chunnaic thu?

[CATRÌONA] Chunnaic mi Tintin.

[ANGELA] Tintin! Am faca? Nach eil thu ro shean son a leithid?

[CATRÌONA] Oh, chan eil. Is fìor thoil leam sgeulachdan Tintin. Chaidh mi ann agus chunnaic mi e is chòrd e rium. Chan fhaca mi na fir chlis ged-tà. Cò ris a bha iad coltach?

[ANGELA] Bha sgoinneil! Bha iad cho math 's a chunnaic mi riamh iad. Cha robh iad ach geal an toiseach, dìreach mar sholais càir ach nuair sinn thàinig na dathan: purpaidh, orains, uaine bha e annasach. An deach duine eile còmhla riut chun na film?

[CATRÌONA] Cha deach. Bha Lorna a' dol a thighinn ach cha tàinig i. Thuirt i gun robh i ro thrang a' sgrìobhadh sgriobtaichean.

[ANGELA] Chan fhaca mise Lorna fad greis a-nis. Thug mi lioft dhi mu mhìos air ais.

[CATRÌONA] An tug?

[ANGELA] Thug.

[CATRÌONA] Càit' an robh i a' dol?

[ANGELA] Chan eil fhios 'am. Cha tuirt i smid rium fad an rathaid. Thug mise lioft dhi dhan bhaile, ach an uair sin dh'iarr i orm stad agus leum i a-mach às a' chàr, gun soraidh slàn no càil!

[CATRÌONA] Tha rudeigin air a bhith a' cur air Lorna bhochd fad mhìosan a-nis. An cuala tu gun robh i fhèin agus Iain air sgaradh-pòsaidh a dhèanamh?

[ANGELA] Cha chuala. Bha fios 'am nach robh iad còmhla tuilleadh, ach cha robh fios agam gun robh iad air an rud a dhèanamh gu h-oifigeil.

[CATRÌONA] Uill, rinn iad sin. Chuala mise aig Iain fhèin e.

[ANGELA] Tha sin truagh. Bha iad cho dòigheil còmhla beagan bhliadhnaichean air ais. Saoil dè thachair?

[CATRÌONA] Cò aige a tha brath, ach bha Iain daonnan air falbh ag obair.

[ANGELA] Tha cuimhne agam gun tug mi air Lorna tighinn chun an amair-shnàimh mu bhliadhna air ais. Cha robh i son tighinn, ach thug mi oirre. Is dòcha gun robh rudan a' dol ceàrr fiù 's cho fada air ais ri sin. Bha i fadalach tighinn an uair sin cuideachd agus nuair a ràinig i mu dheireadh cha robh deise-shnàimh aice no càil. Chan e sin idir an stoidhle aice.

[CATRÌONA] Feumaidh sinn dol a chèilidh oirre ge-tà.

[ANGELA] Fhuair mise dà thicead son na cuirm-ciùil an-ath-sheachdain. Fhuair mi mar dhuais iad, bhon obair agam, ach 's dòcha gum biodh e math an triùir againn dol còmhla. Dè do bheachd?

[CATRÌONA] Deagh bheachd. Cuiridh mise fòn thuice a-nochd fhèin.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!