FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Blog Blog

The number of things you can do on a blog! Na h-uimhir de rudan as urrainn dhut dèanamh air blog!

Video is playing in pop-over.

Blog

Presenters: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson), Eilidh NicFhraing (Eilidh Rankin)

[CALUM] Uill, Donna, latha eile san oifis. Nach eil e math a bhith ag obair!

[DONNA] Seadh, seadh ... Tha thu ri fealla-dhà a-rithist. Ach cha bhi thu a' gàireachdainn nuair a dh'innseas mi dhut dè th' againn ri dhèanamh andiugh.

[CALUM] Oh? Obair ùr? Siuthad, innis dhomh! Innis dhomh!

[DONNA] Leis cho trang agus a tha sinn air a bhith, agus leis cho math agus a bha an obair a rinn sinn, tha iad a' toirt oirnn blog a dhèanamh an-dràsta airson a h-uile dad a chlàradh air an eadar-lìon! Càite bheil seo dol a stad, a Chaluim? Agus na bi ag innse dhomh gu bheil "deagh bheachd" eile agad.

[CALUM] Blog? Oh, math dha-rìribh, Donna! Tha seo a' fàs nas fheàrr is nas fheàrr! Na h-uimhir de rudan as urrainn dhut dèanamh air blog ... A bheil fhios agad, Donna?

[DONNA] Chan eil, ach tha eagal orm gu bheil thu a' dol a dh'innse dhomh, nach eil?

[CALUM] 'S mi a tha, Donna. Ann an dòigh, 's e seòrsa de leabhar-latha a th' ann, far an sgrìobh thu na tha thu air a bhith ris, no na smuaintean a th' agad. Tha sin sìmplidh gu leòr.

[DONNA] Seadh, 's e sin a tha iad ag iarraidh bhuainn. 'S math gu bheil e sìmplidh!

[CALUM] Ach 's urrainn dhuinn tòrr a bharrachd air dìreach sgrìobhadh a dhèanamh! Nise, dè a sgrìobhas mi? Ah, tha e agam. "Na rudan mìorbhaileach a rinn sinn air an t-seachdain seo." Glè mhath. Thèid againn air dealbhan a chur ann cuideachd: an logo sgoinneil brèagha a rinn sinn, mar eisimpleir. Siud e. Nach eil sin a' coimhead math?

[DONNA] Uill, chan eil e dona. Canaidh mi sin.

[CALUM] Chan e sin a-mhàin, ged-thà. Càite a bheil am podcast a rinn sinn, an còmhradh inntinneach a bha eadar an dithis againn? Oh, seo e! Nise, nì mi seo ... agus sin e air a' bhlog cuideachd! Sgrìobhadh, dealbh agus còmhradh - uile san aon àite air a' bhlog. Dè do bheachd air sin?

[DONNA] Tha sin inntinneach, gun teagamh sam bith.

[CALUM] Donna! An cuala mi ceart thu? An tuirt thu gu bheil sin inntinneach!?

[DONNA] Thuirt. A-nise, innis dhomh, a bheil tòrr bhlogaichean mar seo air an eadar-lìon mar-thà?

[CALUM] Tha. Tha gu leòr ann, agus tha na h-àireamhan a' fàs gach latha.

[DONNA] Tha sin a' ciallachadh gun urrainn dhomh a bhith nam shuidhe san oifis an seo gach latha, fad an latha, a' coimhead air a' choimpiutair nam aonar dìreach a' leughadh sgeulachdan, ag èisteachd ri còmhraidhean, a' coimhead air dealbhan agus bhidiothan Gàidhlig gun a bhith a' bruidhinn ri duine sam bith idir?

[CALUM] Uill, uh ... tha. Tha fhios gu bheil sin ceart.

[DONNA] Ah, uill, math dha-rìribh, mar a thuirt thu, a Chaluim! Nise, mach à seo, agus thoir do chasan leat! Tha rudan agam ri dhèanamh!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!