FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Summer School Sgoil-shamhraidh

Good morning. I want to find out about your summer school. Madainn mhath. Tha mi airson faighinn a-mach mun sgoil shamhraidh agaibh.

Video is playing in pop-over.

Sgoil-shamhraidh

Presenters: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson), Eilidh NicFhraing (Eilidh Rankin)

[IAIN] Madainn mhath. Sgoil Eòlais Leòdhais. Iain Moireasdan a' bruidhinn.

[LISA] Madainn mhath. Seo Lisa NicThòmais. Tha mi a' bruidhinn à Birmingham. Tha mi airson faighinn a-mach mun sgoil shamhraidh agaibh.

[IAIN] Glè mhath.

[LISA] Dè seòrsa rud a tha a' dol ann?

[IAIN] Uill, bidh clasaichean ann a h-uile latha airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus tha iad air an tabhann aig diofar ìrean, a rèir dè cho math agus a tha sibh anns a' Ghàidhlig mar-thà.

[LISA] Agus dè bhios a' tachairt air an fheasgar?

[IAIN] Uill, air an fheasgar tha clasaichean ciùil againn. Tha seinneadairean agus luchd-ciùil ainmeil an-còmhnaidh againn airson na clasaichean sin a theagasg. Faodaidh sibh seinn, fidheall no pìob a thaghadh airson sin. No faodaidh sibh dannsa a dhèanamh mas e sin a b' fheàrr leibh.

[LISA] A bheil dad eile agaibh air an fheasgar a bharrachd air ceòl?

[IAIN] Oh, tha. Tha gu dearbh. Tha cladaichean brèagha againn an seo. Faodaidh sibh snàmh anns a' mhuir, no seòladh ann am bàt'-iasgaich, no faodaidh sibh a dhol a-mach a' coiseachd air a' mhonadh, mas e sin as fheàrr leibh.

[LISA] Glè mhath. Agus dè mu dheidhinn àiteachan fuirich?

[IAIN] Uill, a-rithist tha taghadh agaibh. Tha taighean-òsta againn a tha math dharìribh. Ach ma tha sibh ag iarraidh rudeigin nas saoire, tha liosta againn de thaighean a tha a' dèanamh "leabaidh is bracaist". Tha ostail òigridh ann cuideachd, no faodaidh sibh campachadh.

[LISA] Glè mhath. Agus dè a' phrìs a th' air an sgoil?

[IAIN] Uill, feumaidh sibh fhèin àite-fuirich a chur air dòigh, ach gheibh sibh na clasaichean gu lèir airson dìreach £150 gach seachdain. Tha sinn a' cumail nam prìsean cho ìosal 's a ghabhas gus am bi cothrom aig a h-uile duine a thighinn ann, gu h-àraid daoine òga mar sibh fhèin. An cuir mi thugaibh bileag fiosrachaidh agus foirm clàraidh, ma-thà?

[LISA] Seadh. Bidh sin math.

[IAIN] Glè mhath, Lisa. Dè an seòladh a th' agaibh?

[LISA] Tha mi a' fuireach aig 275 New Street.

[IAIN] 275 New Street, Birmingham, Sasainn. A bheil sin ceart?

[LISA] Tha mi duilich, chan eil. Tha mi a' fuireach ann am Birmingham, Alabama, sna Stàitean Aonaichte.

[IAIN] O, 's ann à Ameireaga a tha sibh a' fònadh. Glè mhath. Bidh Ameireaganaich gu leòr a' tighinn a h-uile bliadhna. Ach feumaidh mi aon rud a ràdh. Leis mar nach eil sibhse a' fuireach anns an Aonadh Eòrpach feumaidh sinn prìs beagan nas àirde iarraidh bhuaibh. Bidh an sgoil a' cosg £300 an àite £150. Tha sinn an dòchas gum bi sin ceart gu leòr. Nis aon rud eile. Dè an àireamh fòn a th' agaibh?

[LISA] O, tha sin ceart gu leòr. Cuiridh mi fhìn fòn thugaibhse. Mòran taing. Mar sin leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!