FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Health Centre Ionad-slàinte

Hello. I’d like to see a doctor, if that’s possible. Halò. Tha mi ag iarraidh dotair fhaicinn, ma tha sin comasach.

Video is playing in pop-over.

Ionad-slàinte

Presenters: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson), Eilidh NicFhraing (Eilidh Rankin)

[ANNA] Halo. Ionad Slàinte an Àtha Leathainn.

[SEUMAS] Halò. Is mise Seumas MacRath. Tha mi ag iarraidh dotair fhaicinn, ma tha sin comasach.

[ANNA] Cuin a tha sibh ag iarraidh tighinn a-steach?

[SEUMAS] A bheil amannan saor aig an Dotair Dòmhnallach no an Dotair Ravi ro dheireadh na seachdain-sa?

[ANNA] Chan eil. Tha an t-eagal orm gu bheil an Dotair Dòmhnallach air saor-làithean airson trì seachdainean agus chan eil an Dotair Ravi air ais gu meadhan na seachdain sa tighinn.

[SEUMAS] Cò aige a tha amannan saor, ma-thà?

[ANNA] Tha beàrn no dhà aig an Dotair Cheanadach a-màireach aig trì is leth-uair an dèidh a trì agus a-rithist Dihaoine aig cairteal gu còig. Tha an Dotair Miller saor an-diugh aig leth-uair às dèidh a ceithir. Sin e, tha an t-eagal orm, airson na seachdain-sa.

[SEUMAS] Uill, chan eil sin uabhasach math. Chan e rud ro chudromach a th' ann ged-tà. Mar sin gabhaidh mi uaireigin an t-seachdain sa tighinn leis an Dotair Ravi.

[ANNA] Dè mu dheidhinn trì uairean feasgar Diciadain?

[SEUMAS] Chan urrainn dhomh tighinn an uair sin, tha an t-eagal orm. Tha mi ro thrang aig m' obair. Bheil e saor madainn Diardaoin?

[ANNA] Chan eil. Chan eil àm eile saor aige gu feasgar Dihaoine. Am freagradh sin ort?

[SEUMAS] Aidh, fhreagradh. Dè mu dheidhinn dà uair?

[ANNA] Tha an t-eagal orm nach eil beàrn aige gu an dèidh ceithir uairean. Ciamar a bhiodh fichead mionaid an dèidh a ceithir?

[SEUMAS] Uill, fhreagradh e na b' fheàrr orm beagan nas fhaisg air a còig. A bheil dad aige an uair sin?

[ANNA] Chan eil aige ach aon àite eile an dèidh sin. Tha sin aig fichead mionaid gu còig. An gabh thu sin?

[SEUMAS] Uill, bha dùil agam gum biodh sibh fosgailte beagan nas anmoiche na sin. Tha mi a' smaoineachadh gu fàg mi e gus an till an Dotair Dòmhnallach ann an cola-deug eile. Tha fios gu bheil amannan gu leòr saor aigesan?

[ANNA] Uill, a dh'innse na fìrinn, chan eil. Chan eil air fhàgail ach beàrn no dhà.

[SEUMAS] Oh, uill, feumaidh mi cuideigin fhaicinn. 'S fheàrr dhomh dìreach an Dotair Miller fhèin fhaicinn feasgar an-diugh aig leth-uair an dèidh a ceithir.

[ANNA] Bheil thu cinnteach?

[SEUMAS] Tha. Gabhaidh mi sin. Tapadh leibh.

[ANNA] Ceart gu leòr, ma-thà. Chì sinn an uair sin sibh!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!