FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Weather An t-Sìde

Have you seen or heard the weather for the coming week? Am faca tu no an cuala tu an aimsir airson na seachdain sa tighinn?

Video is playing in pop-over.

An t-Sìde

Presenters: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson), Eilidh NicFhraing (Eilidh Rankin)

[SÌLE] Am faca tu no an cuala tu an aimsir airson na seachdain sa tighinn?

[RAIBEART] Chunnaic mi aimsir na seachdain a-raoir air an telebhisean.

[SÌLE] Siuthad ma-thà, dè tha gu bhith againn?

[RAIBEART] Uill, a-màireach, tha a' ghaoth gu bhith bhon iar-dheas le meallan tron latha. Tha a' ghaoth a' dol a dh'èirigh feasgar agus tha i gu bhith na gèile bho dheas ro dheireadh an latha.

[SÌLE] Abair toiseach tòiseachaidh airson seachdain!

[RAIBEART] Tha fios 'am agus chan ann nas fheàrr a tha i gu bhith Dimàirt a rèir coltais.

[SÌLE] Seadh? Dè tha romhainn Dimàirt, ma-thà?

[RAIBEART] Tha i fuireach garbh sa mhadainn le uisge trom anns an taobh an iar a-mhàin. Tha e coltach gu bheil cùisean a' dol a shìoladh às tron fheasgar agus gu bheil còir dùil a bhith ri sìde nas tiorma Oidhche Mhàirt.

[SÌLE] O, nach math sin!

ROBERT: Aidh, ach 's ann an uair sin a tha i a' dol a thionndadh gu tuath agus tha iad a' ràdh gu bheil meallan sneachda gu bhith ann air talamh àrd feasgar Diciadain.

[SÌLE] Cha chuir sin dragh oirnne, ge-tà?

[RAIBEART] Cha chuir, ach tha rabhaidhean ann airson reòthadh tron oidhche. Gheibh sinne sin le cinnt.

[SÌLE] Sinn a gheibh. Feumaidh nach eil an geamhradh fad às, ma-thà.

[RAIBEART] Uill, chan eil fhios 'am mu dheidhinn sin. Bha iad a' ràdh gun robh dùil ri latha math grianach no dhà faisg air deireadh na seachdain ged a bhios a' ghaoth a' fuireach san tuath.

[SÌLE] Bheil gaoth mhòr gu bhith ann, saoil?

[RAIBEART] Uill, cha robh iad a' sealltainn ach mu chòig mìle deug san uair. Chan eil sin cho dona.

[SÌLE] Uill, ma dh'fhuiricheas i tioram agus ma tha a' ghrian gu bhith a-muigh, tha e ciallachadh gum faigh mise nigheadaireachd a-mach agus air a tiormachadh. Sin aon rud a dh'fhaodas mi coimhead air adhart ris.

[RAIBEART] Uill, tha mi fhìn an dùil beagan peantaidh a dhèanamh cuideachd.

[SÌLE] An tug iad iomradh air deireadh na seachdain? Tha sinn cho feumach air deireadh seachdain le sìde mhath.

[RAIBEART] Uill, tha an t-eagal orm, aig an ìre seo, gu bheil iad a' rabhadh fìor dhroch shìde. Tha dùil aca gum buail earball stoirm mhòr a tha an-dràsta a-muigh sa Chuan Siar sinn mu Dhisathairne.

[SÌLE] Obh, obh! Nach eil sin dìreach uabhasach! Chan eil dad air a bhith ann bho chionn ghoirid ach gaoth is uisge is fuachd. Tha e doirbh a chreidsinn nach eil againn ach toiseach na Sultain. Cò aige tha fios dè thig fhathast tro mhìosan a' gheamhraidh?

[RAIBEART] Tha fios 'am. 'S e bhiodh math nam faigheadh sinn dìreach beagan làithean samhraidh mun àm sa, mar a th' aca ann an Sasainn.

[SÌLE] Aidh, fiù 's aon deireadh seachdain ciùin, blàth, às aonais na meanbh-chuileig!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!