FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Isle of Skye An t-Eilean Sgitheanach

Topography and geography of the Isle of Skye. Coltas agus cruinn-eòlas an Eilein Sgitheanaich.

Video is playing in pop-over.

An t-Eilean Sgitheanach

Presenter: Derek Mackay

[DEREK] Fàilte. Tha sinn anns an Eilean Sgitheanach. Tha an t-Eilean Sgitheanach air a' chosta an iar eadar tìr-mòr agus na h-Eileanan Siar.

Tha an costa an iar àlainn le lochan fada a' gearradh a-steach dha na beanntan air tìr-mòr, mar a tha Loch Nibheis agus Loch Shubhairne. Tha an dà loch seo faisg air an Eilean Sgitheanach, agus tha lochan fada anns an Eilean Sgitheanach cuideachd mar a tha Loch Sgàbhaig, agus e a' gearradh asteach dhan Eilean.

Tha an t-Eilean Sgitheanach ainmeil. 'S e eilean mòr a th' ann, agus 's e eilean bòidheach a th' ann cuideachd, gu h-àraidh far a bheil na beanntan àrda, ainmeil - An Cuiltheann - ag èirigh gu cas às a' mhuir.

Ged a tha an t-Eilean Sgitheanach mòr, chan eil mòran daoine a' fuireach ann. Anns an latha an-diugh, tha mu dheich mìle duine a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach, agus tha a' chuid mhòr de na daoine a' fuireach ann am bailtean beaga, mar a tha Tarsgabhaig ann an Slèite.

Tha bailtean nas motha anns an Eilean, ged-thà. 'S e an ceann a deas a tha faisg air tìr-mòr, agus tha dà bhaile car mòr anns a' cheann a deas. 'S e Caol Àcain aon de na bailtean sin. Tha an drochaid ann a-nis, ach bha aiseag ann aig aon àm eadar Caol Àcain agus an Caol air tìr-mòr. 'S e baile mòr a th' anns a' Chaol cuideachd, le trèanaichean gu Inbhir Nis.

Air ais anns an Eilean Sgitheanach, tha baile mòr eile anns a' cheann a deas An t-Àth Leathann. Tha gu leòr anns an Àth Leathann. Tha am banca ann, an t-ospadal, bùithtean, taighean-òsta agus taighean-bìdh, a' gharaids, an sgoil agus talla a' bhaile.

Tha an rathad mòr eadar an t-Àth Leathann agus Port Rìgh anns a' cheann a tuath glè mhath a-nis. 'S e Port Rìgh am baile as motha anns an Eilean Sgitheanach, agus còrr is dà mhìle duine a' fuireach ann. Tha rudan gu leòr anns a' bhaile, dìreach mar a tha ann am baile sam bith eile. Tha an cala glè bhrèagha ann am Port Rìgh, le togalaichean dathach air a' chidhe agus bàtaichean beaga anns an loch. Bha an cidhe gu math trang le bàtaicheaniasgaich aig aon àm ach chan eil e cho trang a-nis.

Tha dà rathad a' dol gu tuath a-mach às a' bhaile. Tha aon rathad a' dol dhan Taobh Sear agus seachad air a' Chuith-raing, agus tha rathad eile ann do dh' Ùige far a bheil aiseagan ann a-null dha na Hearadh agus a dh'Uibhist. Tha an dàrna rathad a' dol a Dhùn Bheagain cuideachd far a bheil an caisteal ainmeil aig Clann MhicLeòid. Tha Clann MhicLeòid air a bhith a' fuireach anns a' chaisteal seo o chionn fhada.

A' dràibheadh air ais à Dùn Bheagain dhan Àth Leathann, tha an rathad a' dol seachad air lochan fada eile, mar a tha Loch Harport. Tha taigh-staile air a' chladach ann an Carabost ri taobh Loch Harport, agus 's e Talaisgeir air t-ainm a th' air. Tha an t-uisge-beatha às an taigh-staile seo gu math ainmeil, agus tha blas làidir air an uisge-bheatha. Ma tha uisge-beatha a' còrdadh riut, feuch am fear seo.

Seachad air Loch Harport, tha an rathad a' dol a-steach dhan Eilean bhon chosta an iar dhan chosta an ear, ach chan eil àite sam bith anns an Eilean Sgitheanach fada bhon chosta. Chan eil ach còig mìle eadar an costa an iar aig Loch Harport agus an costa an ear ann an Sligeachan.

Air ais air an rathad eile, chan eil e a' toirt fada a' dràibheadh bho Shligeachan dhan drochaid ann an Caol Àcain no dhan aiseag ann an Armadal. Agus sin cuairt ghoirid agus cunntas goirid air an Eilean Sgitheanach.

A-nis sùil air ais air cuid de na facail a bh' againn. Bidh na facail air an sgrìne ann an sgrìobhadh cuideachd.

An t-Eilean Sgitheanach.
Tha sinn anns an Eilean Sgitheanach.

An costa an iar.
Tha an t-Eilean Sgitheanach air a' chosta an iar.

An Caol.
'S e baile mòr a th' anns a' Chaol.

An t-Àth Leathann.
Tha gu leòr anns an Àth Leathann.

Am baile.
A-mach às a' bhaile.

Dà loch.

Dà bhaile.

Dà mhìle.

Dà rathad.

Sin e ma-thà.

Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!