FaclairDictionary EnglishGàidhlig

In the City Anns a' Bhaile Mhòr

In the city. (Verbs and giving directions.) Anns a’ Bhaile Mhòr. (Gnìomhairean agus deas/clì.)

Video is playing in pop-over.

Anns a' Bhaile Mhòr

Presenter: Derek Mackay (Derek MacAoidh)

[DEREK] Tha mise air a dhol air chall anns a h-uile baile mòr ann an Alba agus gu leòr de na bailtean beaga. Chaill mi mo shlighe anns a h-uile baile dhan deach mi taobh a-muigh Alba cuideachd. Chan urrainn dhomh a leasachadh.

Às dèidh greis mhath a' coiseachd thall agus a-bhos, bidh mi ag iarraidh air cuideigin treòrachadh a thoirt dhomh. Bidh mi a' taghadh cuideigin a tha ann an cabhag - buinidh iad dhan àite mar as trice. Faighnichidh mi, "Ciamar a tha mi a' faighinn air ais chun na ceàrnaig ann am meadhan a' bhaile?" Bidh iad ag ràdh rudeigin mar seo: "Cùm ort sìos an t-sràid seo agus nuair a ruigeas tu an taighòsta, tionndaidh gu do làimh dheis. Às dèidh ceud meatair, gabh an rathad air do làimh chlì. Cùm ort chun na treas sràide air do làimh chlì às dèidh an dàrna cearcall-rathaid, agus theirig gu deas, gu clì, deas, clì, cùm ort, gu deas, gu clì, deas, deas, clì, clì, deas, clì ..." agus mar sin air adhart. Às dèidh dhomh tionndadh aig an taigh-òsta, bidh mo cheann na bhrochan agus bidh agam ri dragh a chur air cuideigin eile, agus mar sin air adhart.

A' dràibheadh, bidh mi a' dol air chall cuideachd, agus tha sin nas miosa. Mura h-urrainn dhut stad, bidh thu a' dol buileach air chall - agus mura h-eil fhios agad dè tha tachairt tha thu ann an Dùn Dèagh!

Ach, bho fhuair mi inneal-iùil anns a' chàr, cha bhi mi a' dol a Dhùn Dèagh mura h-eil mi ag iarraidh a dhol a Dhùn Dèagh. "Gabh an rathad air do làimh dheis, agus cùm air an làimh dheis," bidh e ag ràdh. "Cùm air an làimh dheis. Cùm air an làimh dheis." Bidh mise a' cumail air mo làimh dheis. Agus, ma thèid mi ceàrr, chan eil an t-inneal fada gam chur ceart. "Tionndaidh agus theirig air ais an taobh a thàinig thu. Tionndaidh agus theirig air ais an taobh a thàinig thu," bidh e ag ràdh - gus an tionndaidh mi. Mu dheireadh, canaidh e, "Tha thu air do cheann-uidhe a ruighinn." Ach uaireannan, dìreach uaireannan, bidh fios agad nach e do cheann-uidhe a th' ann - agus bidh thu air ais a' coimhead airson cuideigin a tha ann an cabhag.

Mura h-eil cabhag ort fhèin, bheir sinn sùil air cuid de na facail a chleachd mi.

air chall
Tha mise air a dhol air chall anns a h-uile baile mòr ann an Alba agus gu leòr de na bailtean beaga.

tionndaidh
Cùm ort sìos an t-sràid seo agus nuair a ruigeas tu an taigh-òsta, tionndaidh gu do làimh dheis.

cùm ort
Cùm ort chun na treas sràide air do làimh chlì.

inneal-iùil
… bho fhuair mi inneal-iùil anns a' chàr, cha bhi mi a' dol a Dhùn Dèagh mura heil mi ag iarraidh a dhol a Dhùn Dèagh.

gabh an rathad
Gabh an rathad air do làimh dheis, agus cùm air an làimh dheis.

theirig
Tionndaidh agus theirig air ais an taobh a thàinig thu.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!